Cille Bhrìghde an Iar
'S e baile ann an Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath a tha ann an Cille Bhrìghde an Iar (Beurla: West Kilbride).[1][2] Tha am baile suidhichte air còrsa an iar Alba faisg air Linne Chluaidh. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 41′ 48″ Tuath agus 4° 51′ 27″ Iar.
![](../I/Cille_Bhr%C3%ACghde_an_Iar_435406.jpg.webp)
Cille Bhrìghde an Iar, meadhan a' bhaile
![](../I/Hunterston_castle.jpg.webp)
Hunterston Castle
![](../I/Law_Castle.jpg.webp)
Law Castle faisg air Cille Bhrìghde an Iar
Còmhla ri Seamill agus Portencross bha 4,393 duine a' fuireach an seo ann an 2001.[3]
Tha Arainn le Gaoda Bheinn ri fhaicinn bhon an seo.
Tha ceithir caistealan timcheall air Cille Bhrìghde an Iar:
- Law Castle, a chaidh a thogail anns an 15mh linn airson Màiri, piuthar Sheumais III. Tha e suidhichte aig cois Law Hill.
- Portencross Castle, a chaidh a thogail anns an 14mh linn. Tha e dìreach ri taobh na mara aig port-mara Port na Coise.
- Hunterston Castle, anns an fhearann Hunterston.
- Crosbie Castle (cuideachd Crosbie Towers) air àird an iar-thuath Cille Bhrìghde an Iar. B’ e Crosbie Castle an dachaigh aig Sir Ranald Craufurd (a bha ceangailte leis an teaghlach Uilleam Uallas) anns an 13mh linn, canar gun do chuir Uallas uine seachad ann an Crosbie.[4] Chaidh an caisteal a thogail a-rithist air sgàth 's gun robh pàirt dhen tùr tùsail ga leagail sìos anns an 17mh linn.
Iomraidhean
- “West Kilbride/Cille Bhrìghde an Iar”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 21mh dhen Iuchar 2018.
- Stòr-dàta SMO
- Scotland's Census Result OnLineTeamplaid:Fix/category
- Lamb, Rev. John, BD (1896). Annals of an Ayrshire Parish - West Kilbride, duilleag 94. Glaschu: John J. Rae.
Ceanglaichean a-mach
- Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS2042848492
Siorrachd Àir agus Arainn
![](../I/Flag_of_Scotland.svg.png.webp)
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.