Cille Bheathain

'S e baile beag dùthchasail ann an ceann a tuath na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' ann am Cille Bheathain (Beurla/Beurla Ghallda: Kirkbean). Tha e suidhichte aig 84m os cionn ìre na mara,[2] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A710 eadar Sandyhills agus An Abaid Ùr, ri taobh an Uillt Chille Bheathain.[3] Tha e 265km air falbh bho Obar Dheathain, 113km bho Ghlaschu, 30km bho Chille Chuithbeirt agus 118km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Cille Bheathain. Tha eaglais agus talla ann an Cille Bheathain.[5] Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Dail Bheithe.[7]

Cille Bheathain

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 55′ 00″ Tuath
03° 37′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 643[1] (2011)
Àireamh fòn 01387

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à cill agus an t-ainm Beathan anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[9]

Eachdraidh

Chaidh Cill Bheathain a chlàradh airson a' chiad turas mar Kyrkebene ann an 1274.[10] Chumadh coinneamhan adhraidh-rùin dìobhair an seo ri àm an an Ath-Leasachaidh, far am biodh na mìltean an làthair.[11] B' e port[12] cudromach anns an 18mh Linn a thaobh imrich a-mach rè fuadaichean nan croitear ann an ceann a deas na h-Alba.[13] Chaidh am baile a leasachadh mar bhaile oighreachd aig deireadh an 18mh Linn.[14] Chaidh eaglais a thogail an seo ann an 1776, a chaidh a leasachadh ann an 1835.[15] Chaidh am feallsanaiche Frangach Jean Thurot (17551833) a thìodhlacadh an seo. A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 14 duine à Cille Bheathain bàs sa Chogadh Mhòr[16] agus còignear eile san Dàrna Chogadh.

Daoine Ainmeil

Iomraidhean

  1. EVI
  2. Falling Rain
  3. Scotland's Places
  4. Luftlinie
  5. List
  6. Kirkbean PrimaryTeamplaid:Fix/category
  7. Douglas Ewart High SchoolTeamplaid:Fix/category
  8. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. Saint Places
  11. The Topographical, Statistical, and Historical Gazetteer of Scotland
  12. Kirkbean Heritage Society
  13. Windsor Scottish
  14. Undiscovered Scotland
  15. Colvend Church
  16. Scottish War Memorials Project

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.