Chepman and Myllar Press

B' e an Chepman and Myllar Press a' chiad ghnìomhachas clò-bhualaidh a chuireadh air bhonn ann an Alba.[1]

Duilleag on Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain. (Leabharlann Nàiseanta na h-Alba).

Chuireadh air bhonn e ann an 1508 ann an Dùn Èideann le Walter Chepman agus Androw Myllar. Bha e cuideachd aithnichte mar The Southgait Press.

Chan eil mòran pìosan obrach on clò-bhualadair fhathast ann. À measg an fheadhainn a tha air fhàgail, tha naoi leabhran ris an canar "The Chepman and Myllar Prints"[2] agus teacs Laideann cràbhach ris an canar an Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain.[3]

Tha criomagan de dà fhoillseachadh eile ann: deasachadh de "The Actes and Deidis of the Illustre and Vallyeant Campioun Schir William Wallace" agus "The Buke of the Howlat".

Iomhaigh on leabhran 'The Goldyn Targe' sna 'Chepman and Myllar prints'. (Leabharlann Nàiseanta na h-Alba).

Chepman and Myllar Prints

'S e na Chepman and Myllar Prints naoi leabhran bho Chepman & Myllar air an chur còmhla san aon leabhar còmhla ri dà leabhran eile às an 16mh linn. Tha an leabhar seo a-nis ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.[2]

Anns an leabhar, gheibhear na teacsaichean a leanas. Tha iad sgrìobhte ann an Albais air neo Beurla.

Leabhran 1
  • "The Porteous of Nobleness". Eadar-theangachadh gun urra de "Breviaire des Nobles" le Alain Chartier.
Leabhran 2
  • "Golagrus and Gawain". gun urra
  • "Rhyme Without Accord" le John Lydgate
Leabhran 3
  • "Sir Eglamour of Artois". gun urra.
  • "Balade". gun urra.
Leabhran 4
Leabhran 5
  • '"De regimine principum bonum consilium" neo "Ane Buke of Gude Counsale to the King".
Leabhran 6
  • "The Complaint of the Black Knight" le John Lydgate
  • "When by Divine Deliberation". Bàrdachd
Leabhran 7
  • The Flyting of Dunbar and Kennedy.
  • "The Praise of Age" le Robert Henryson
  • "Device, Prowess and eke Humility." gun urra.
Leabhran 8
  • The Tale of Orpheus and Erudices his Quene le Robert Henryson
  • "The Want of Wise Men." gun urra.
Leabhran 9

An dà leabhran eile às an 16mh linn:

Leabhran 10
  • "The Tua Mariit Wemen and the Wedo", "Lament for the Makaris" agus "The Testament of Mr Andro Kennedy" le William Dunbar
  • "Kynd Kittok". gun urra.
Leabhran 11
  • "A Gest of Robin Hood". Òran mu Robin Hood.

Iomraidhean

  1. Norman Macdougall, The Stewart Dynasty in Scotland, James IV (Tuckwell press, 1997), d. 218.
  2. The Chepman and Myllar Prints aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
  3. Leabhar Ùrnaighean Obar Dheathain aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Tuilleadh leughaidh

  • 'The Chepman and Myllar prints: Scotland's first printed texts'. Lethbhrean Didseatach. Deas. le Sally Mapstone. The Scottish Text Society and the National Library of Scotland. ISBN: 9781897976302
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.