Ceana Chaimbeul

Tha Ceana Chaimbeul (1937) na seinneadair Gàidhlig a rugadh agus a thogadh ann an Gnìopa anns an Eilean Sgitheanach. Tha sgeulachd a teaghlaich ri fhaicinn ann am Fonn – The Campbells of Greepe. Le am peathraichean, Màiri agus Anna, nach maireann, thòisich Seumas Caimbeul agus Ceana ri seinn nuair a bha iad glè òg, agus tha stòr mòr nan òran aca – gu h-àraid puirt-à-beul.

Ceana Chaimbeul
Beatha
Breith An Grìob, 21 dhen Iuchar 1937
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd seinneadair
Duaisean a fhuaras
Inneal-ciùil guth
Seumas agus Ceana Chaimbeul aig SMO air 2016-04-21

Ann an 1954, nochd Ceana, is i na deugaire, air prògram aithriseach a' BhBC, 'About Britain', a lìbhrig Richard Dimbleby.[1] Ghabh i an t-òran 'Nuair a bha mi na mo mhaighdeann'. Choisinn Ceanna am Bonn Òr aig Mòd 1959.

Iomraidhean

  1. BBC Alba 'Stòras'. A' chiad chraoladh 5 Ògmhios 2015.

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.