Cealla (bith-eòlas)
'S e structar beag bìodach ann am fàs-bheairtean a tha ann an cealla.
Chaidh ceallan ainmicheadh le Robert Hooke ann an 1665 nuair a chunnaic e tro maicreasgop pìos de dh'àrcan is iad a' coimhead mar cheallan ann am manachainn. Lorg Antonie van Leeuwenhoek meanbh-bheathaichean, bacteria agus protozoa anns nach robh ach aon cealla a-mhàin. Mhol Theodor Schwann agus Mattias Schleiden gur e an cealla bonn-stèidh a h-uile fàs-bheairt is dhearbh Rudolf Virchow nach do dh'fhàs ceallan ach bho cheallan eile.[1]
Iomraidhean
- “History of the Cell: Discovering the Cell”. National Geographic. Air a thogail 22mh dhen t-Sultain 2021.
Ceanglaichean a-mach
- gd.SuperBugs.conline – sa Ghàidhlig, airson sgoiltean
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.