Carwitz
‘S e baile beag (Gearmailtis: Ortsteil) am broinn na sgìre dùthchail Feldberger Seenlandschaft air an àirde an ear-thuath na Gearmailt a th’ ann an Carwitz. 'S ann à Karva (bo) ann am Pobalais a tha an t-ainm. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1216 mar Carwytze. B' e baile iasgaich nan locha a bh' ann agus bhuineadh e dhan Àrd Dhiùcachd Mhecklenburg-Strelitz. 'S e taigh-tasgaidh a th'ann an taigh a bh' aige.[1] Tha Carwitz suidhichte aig 88m os cionn ìre na mara ri taobh Loch Carwitzer See, anns an stàit Mecklenburg-Vorpommern, dìreach ri taobh nan crìoch ri Brandenburg, 123km air falbh bho Rostock, 86km bho Bherlin agus 269km bho Hamburg. 'S ann leis an sgìre Landkreis Mecklenburgische Seenplatte a tha am baile agus tha 325 duine a' fuireach ann.
Carwitz
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Mecklenburgische Seenplatte | ||||
Sgìre | Mecklenburg-Vorpommern | ||||
Co-chomharran | 53° 18' 00' Tuath 13° 26' 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 199.57 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 325 (2007) | ||||
Dlùths | 1.63/km² | ||||
Àireamh fòn | 039831 | ||||
Duilleag oifigeil | A' Chomhairle |
Daoine ainmeil
- Bha an sgrìobhadair Hans Fallada a' fuireach an seo eadar 1933 agus 1944 ri linn Hitler.