Carlos Lleras Restrepo

B’ e fear-lagha agus neach-poileataigs à Coloimbia a bh’ ann an Carlos Lleras Restrepo (Bogotá, 12 an Giblean 1908 – ibidem, 27 an t-Sultain 1994).[1] Bha e na cheann-suidhe na dùthcha bho 1966 gu ruige 1970. Phòs e aig Cecilia de la Fuente Cortés à Barcelona san Spàinn ann an 1933 agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.[2] B’ e boireannach uabhasach beairteach cumhachdail a bh’ innte.[3] Bha Lleras Restrepo anns na oghaichean le Alberto Lleras Camargo, a bha na cheann-suidhe cuideachd, eadar 1945 agus 1946 agus bho 1958 gu 1962.

Carlos Lleras Restrepo
23. Ministrealachd an Ionmhais is a' Chreideis Phoblaich

- Alfonso Araújo Gaviria (en) Translate
Minister of Finance and Public Credit (en) Translate

7 dhen Lùnastal 1938 - 24 dhen Mhàrt 1941
Minister of Finance and Public Credit (en) Translate

26 dhen Lùnastal 1941 - 7 dhen Lùnastal 1942
Minister of Finance and Public Credit (en) Translate

8 dhen Dàmhair 1943 - 6 dhen Mhàrt 1944
22. Ceann-suidhe Choloimbia

7 dhen Lùnastal 1966 - 7 dhen Lùnastal 1970
Guillermo León Valencia - Misael Pastrana Borrero
Beatha
Breith Bogotá, 12 dhen Ghiblean 1908
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Bogotá, 27 dhen t-Sultain 1994
Àite-adhlacaidh Jardines de Paz (en) Translate
Teaghlach
Athair Federico Lleras Acosta
Cèile Cecilia de la Fuente de Lleras (en) Translate
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh Nàiseanta Colombia
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs agus neach-lagha
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia a th’ ann an Lleras Restrepo agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar chomhairliche airson Bhogotá ann an 1931 air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh Revolución en Marcha (Gàidhlig: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus bha e dlùth air Alfonso López Pumarejo. Chuidich e Enrique Olaya Herrera cuideachd. Roinnich e an sgìre El Chocho, leis gu robh e airson oighreachdan mòra a bhriseadh. Bha e na thagraiche ann an iomairt a' cheannais ann an 1944 ach chaill e.[4] Nuair a bha e os cionn na dùthcha bha luchd-leantainn Gustavo Rojas Pinilla nan trioblaid mhòr agus theab an Riaghaltas tuiteam.

Iomraidhean

  1. Colombia
  2. Geni
  3. Banrepcultural
  4. Presidencia de Colombia
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.