Deargan-fraoich


Is e eun-seinn beag , dathach a tha ann an deargan-fraoich (Carduelis carduelis). Tha ainmean eile air buidheag agus lasair-choille. Tha e a' fuireach anns an Roinn-Eòrpa, anns an taobh tuath Afraga agus an taobh an iar Àisia.

Carduelis carduelis
Dearg-fraoich a' biadhadh air cluaran.
Rangachadh saidheansail
Rìoghachd Animalia
Fìleam Chordata
Clas Aves
Òrdugh Passeriformes
Teaghlach Fringillidae
Gèineas Carduelis
Spèiseas C. carduelis
Ainm saidheansail
Carduelis carduelis (Linnaeus, 1758)
Briathran Gàidhlig eile
Dearg-fraoich
Buidheag
Lasair-choille

Tha deargan-fraoich cuibheasach 12-13 ciadameatair a dh'fhaid, le 21-25 cm de réis-sgéithe, agus 14-19 gramaichean a chudrom. Tha fireannaich is boireannaich coltach ri chèile, le aodann dearg, ceann geal is dubh, sgiathan buidhe is dubh, drom donn agus ìochdar geal. Ge-tà, tha an dath dearg a' dol air cùl sùla an fhireannaich ach tha e a' crìochnachadh air thoiseach sùla a' bhoireannaich.

Bidh e ag ithe sìl beag mar iad sin de chluaran is leadan, ach nuair a bhios e a' biadhadh nan eòin òga aige, bhios a' glacadh meanbhan-fhrìde mar an ceudna.

Fuireach:
Carduelis carduelis carduelis:
1 samhradh 2 fad na bliadhna
Carduelis carduelis caniceps:
3 samhradh 4 fad na bliadhna


Ceanglaichean a-mach

Dealbhan

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.