Calum
'S e ainm Gàidhlig a th' ann an Calum[1][2][3]. 'S e ainm baistidh fireann a th' ann. Nochdaidh e anns a' Bheurla mar Calum, Callum, Malcolm[4] no Colm. [5]
Bunachas
Thàinig an t-ainm Calum bhon ainm Laideann Columba a tha a' ciallachadh 'calman'.[6] Bha an t-ainm dlùth ceangailte ri Naomh Calum Cille agus bha e gu math cumanta aig an àm ud. Mar sin nochd e ann an cruthan eadar-dhealaichte, mar Calum no Cailean. A bharrachd air sin dh'atharraich e gu "Colm" ann an Gaeilge agus an nuair sin don mheanbh-ainm "Colmán" (Gaeilge) no "Coleman" (Beurla).[7] Nochd e cuideachd mar "Colum" ann an Gaeilge agus air sgàth 's an ciall aige chaidh a cheangladh leis an ainm "Máel Coluim", ainm a nochdas ann an Alba mar "Malcolm" sa Bheurla.[7].
Daoine ainmeil air a bheil an t-ainm "Calum"
gu eachdraidheil
- Naomh Calum Cille
- Máel Coluim mac Domnaill, rìgh na h-Alba eadar 943 is 954
- Máel Coluim mac Cináeda, rìgh na h-Alba eadar 1005 is 1034
- Máel Coluim mac Donnchada, rìgh na h-Alba eadar 1058 is 1093
- Máel Coluim mac Eanric, rìgh na h-Alba eadar 1153 is 1165
an-diugh
- Calum Dòmhnallach
- Calum Alasdair Dòmhnallach
- Calum Iain MacGillEathain
- Calum MacLeòid
- Calum MacPhàrlain
- Tormod Calum Dòmhnallach
ann an ainmean-àite
ann am ficsean
- Calum Clachair, prògram cloinne air BBC Alba
Faic cuideachd
Iomraidhean
- Dwelly, Edward, (1994 [1901-11]) The Illustrated Gaelic-English Dictionary Glasgow: Gairm, dd.1103-1030.
- Mac Farlane, Malcom (1912): “The School Gaelic Dictionary prepared for the use of learners of the Gaelic language”. E. Mackay. d.143
- MacLeod, Rev. Norman & Rev. Daniel Dewar, A Dictionary of the Gaelic Language in Two Parts, 1831, d.1006
- Mac an Tàilleir, Iain: “Ainmean Pearsanta”. Sabhal Mòr Ostaig (faidhle docx). d.13
- Akerbeltz:: “Ainmean”. Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.
- Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.53; ISBN 0-19-860764-4
- Behind the name - Calum
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.