Calpachas

‘S e siostam eaconomach a th' ann an Calpachas, far a bheil a’ mhòr-chuid dhe na dòighean-saorachaidh ann an làmhan prìobhaideach. San Chalpachas, bithear a’ cur airgid an seilbhe ann an saorachadh, roinneachd, reic agus seirbheisean gus prothaidean mòra a dhèanamh ann am margaid shaor, fharpaiseach. Gabhaidh sin a-steach nithean gnìomhachas mar an talamh agus goireasan nàdarra, a bharrachd air cosgaisean obrach agus maoineachadh. Thathar air iomadach teòiridh a sgrìobhadh airson beachd-smuainealas a’ Chalpachais a mhìneachadh, neo fhìrinneachadh agus chàin a chur air seilbh prìobhaideach agus calpa, neo fiù 's aithris a thoirt air ciamar a dh’obraicheas na margaidean agus am buaidh a bheir riaghailtean nan riaghaltasan air seilbh agus margaidean. A rèir Karl Marx,[1] bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh.

Calpachas
Fiosrachadh
Luchd-stèidhichidh Adam Smith
John Stuart Mill
Max Weber
Beachdan
Linn 16mh Linn, 17mh Linn, 18mh Linn, 19mh Linn, 20mh Linn

Chaidh cleachdaidhean a’ Chalpachais san Roinn Eòrpa a chuir air chois bhon 16mh Linn gu ruige an 19mh Linn ged an robh structaran is dòighean-obrach calpach air chòireigin air a bhith ann mar thà, bho àm nan daoine àrsaidh aig a’ char as lugha. Nochd an calpachas mar shiostam eaconomach ceannsach ann an saoghal an iar ri linn crìonadh na Fiùdalachd, nuair a chuireadh às do bhacaidhean poiliteagach agus creideamhan air malart calpach. Sgaoileadh an calpachas a-mach às an Roinn Eòrpa mean air mhean (gu seachd àraidh bho Bhreatainn) gu àiteachan eile na cruinne bho àm a’ Thionndaidh Gnìomhachais. 'S e an dòigh gnìomhachasaidh na bu chumanta a bh' ann fad an 19mh Linn agus an 20mh Linn, ach cha robh e an aon fhear a bh' ann co-dhiù.

‘S e bun-smuain gu math faondach a th' ann an Calpachas taobh sgrùdaidh acadaimeagach, o chionn 's gu bheil caochladh sheòrsa eachdraidheil ann agus leis gu bheil e eadar-dhealaichte a-rèir adhbharan mar linntean, sgìrean, poileataigs agus cultair. Tha luchd-sgrùdaidh an eaconomaidh air iomadh sreath dhe calpachas a sheòrasadh, a-rèir cruinneachadh na cumhachd agus beartas eaconomach, a thuilleadh air na dòighean airgead a chàrnadh a th' ann (Scott 2005). Fad an linn sa chaidh, bha iomsgaradh làidir ann eadar na dùthchannan calpach agus an fheadhainn le eaconomaidhean air am planachadh agus an Comunnach. 'S e eaconamaidhean calpach neo margaidean measgaichte a tha aig gach uile dùthaich leasaichte an latha an-diugh. Anns na dùthchannan sin, bithidh seilbhe poblach agus conn-riaghailtean an Riaghaltais ann air saorachadh agus malart, a bharrachd air cìsean, iadsan rim faotainn agus structar fiosaigeach na dùthcha ri chleachdadh.

Iomraidhean

  1. Callinicos, Alex (2010): The Revolutionary Ideas of Karl Marx. Bloomsbury, Lunnainn: Bookmarks. ISBN 978-1-905192-68-7.


This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.