Calasraid

'S e baile ann an Comhairle Shruighlea a tha ann an Calasraid (Beurla: Callander) [1][2]. Tha am baile suidhichte air bruach an Abhainn Tèadh mu 29 km (18 mìle) air àird an iar-thuath de Shruighlea. 'S iad seo na co-chomharran aige: 56° 14′ 38.51″ Tuath agus 4° 12′ 52.06″ Iar. Anns a' bhliadhna 2006 bha 3130 duine a' fuireach ann.[3] Bho Chalasraid bidh mòran luchd-turais a' siubhail gu Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean. Tha Ionad fiosrachadh luchd-turais anns an seann eaglais "Naomh Kessog", ris an canar Ionad Rob Ruadh an–diugh. Anns an t-Iuchar 2009 bha na Callander World Highland Games ann. [4]

Calasraid; Eaglais "Naomh Kessog"

Leabhraichean

  • Michael Newton: Bho Chluaidh Gu Calasraid, Acair Ltd, 1999. ISBN 978-0861522651.

Iomraidhean

  1. Stòr-dàta SMO
  2. Iain Mac an Tàilleir, td 25
  3. Staitistearachd àireamh-shluagh na h-Alba
  4. Callander World Highland Games

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.