Cair Luail

Tha Cair Luail (Beurla: Carlisle, Cuimris: Caerliwelydd) na bhaile mòr ann an Sasainn a tuath faisg air a' chrìoch. Bha Border Television stèidhichte an sin mus deach e a sgaoileadh ann an 2009.[2] Tha caisteal mòr ann. 'S e 71,773 àireamh-shluaigh a' bhaile.

Cair Luail
Gearradh-arm
no Seula

Talla a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Sasainn
Ceàrn Iar-thuath
Sgìre Cumbria
Co-chomharran 54° 53′ T
2° 56′ I
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 75,306 (2011[1])
Àireamh fòn 01228

Eachdraidh

Thug Prionnsa Teàrlach Stiùbhart ionnsaidh air Cathair Luail eadar 21 an Dùbhlachd agus 30 an Dùbhlachd 1745, air an t-slighe air ais a dh' Alba gu ruige na Gàidhealtachd.[3] Leig e mu 400 saighdear Seumasach, a' mhòr-chuid dhuibh à Manchester, anns a' chaisteal an seo mar ghearasdan. Chaidh iad a chur gu bàs le feachdan an Riaghaltais trì seachdainean an dèidh làimhe.

Bailtean Co-cheangailte

  • Flensburg
  • Słupsk

Iomraidhean

  1. North West England (United Kingdom): Counties and Unitary Districts & Settlements - Population Statistics in Maps and Charts”. Thomas Brinkhoff: City Population. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2017.
  2. ITV Border Archive”. ITV agus Oilthigh Chumbria. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2017.
  3. BBC - Cumbria - Enjoy Cumbria - Castles - Carlisle Castle”. BBC. Air a thogail 18mh dhen Ògmhios 2017.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.