Buntàta (lus)
'S e lus anns an teaghlach Solanaceae le cnap-shùilean so-ithe a tha ann am buntàta (Solanum tuberosum). Tha tomàtothan, piobar-milis agus aubergineachan anns an aon teaghlach, còmhla ri lusan na h-oidhche a tha do-ithe.
Chaidh am buntàta a challachadh airson a' chiad dhol-a-mach mu 8000 bliadhna air ais faisg air Loch Titicaca. Tha barrachd air 4,000 seòrsaichean de bhuntàta san latha an-diugh agus a' mhòr-chuid a' fàs anns na h-Andes àrda os cionn 3,500 m.[1]
Ann an Alba tha an James Hutton Institute a' rannsachadh buntàta. Tha an Commonwealth Potato Collection aig an institiud seo. Chaidh an cruinneachadh a stèidhicheadh anns na 1930an ann an Cambridge an dèidh do nochdadh gun robh tar-chineal eadar am buntàta àbhaisteach agus Solanum demissum à Meagsago bacaideach ri galar a' bhuntàta. Dh'imrich an cruinneachadh gu Inbhir Ghobhraidh faisg air Dùn Dè anns na 1980an.[2]
Iomraidhean
- “Native Potato Varieties”. International Potato Center. Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2023.
- “Welcome to the Commonwealth Potato Collection Database”. James Hutton Institute. Air a thogail 7mh dhen t-Samhain 2023.