Bogotá
Tha Bogotá na phrìomh-bhaile Choloimbia. A bharrachd air sin, 's prìomh-bhaile na roinne Cundinamarca agus an Distrito Capital. 'S e Santa Fe de Bogotá an t-ainm oifigeil a th' air anns an Spàinntis. Bha àireamh-shluaigh dhe 6,840,116 aig a' bhaile fhèin ann an 2005, a-rèir a' chunntais-shluaigh mu dheireadh.[1] 'S e Bogotá am baile as motha na dùthcha[2] an còigeamh baile as motha ann an Aimearaga-Laideannach[3] agus an 23mh baile as motha na cruinne.[4] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1538.
Bogotá
| |||||
Mapa a' bhaile | |||||
Sealladh air a' bhaile | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||
Roinn | Cundinamarca | ||||
Àirde | 2600m | ||||
Teòthachd chuibheasach | 12˚ | ||||
Co-chomharran | 4° 35' 56" Tuath 74° 04' 51" Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 1,587 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 6,840,116 (2005) | ||||
Dlùths | 4,310.09/km² | ||||
Duilleag oifigeil | Bogota Official Site |
Freumhan an Ainm
Mar a b' àbhaist ann an Aimearaga, chruthachadh na Spàinntich ainmean-àite le freumhan anns na creideamhan aca neo mar chuimhne air àiteachan agus daoine ainmeil thall anns an Spàinn: m.e. Guadalajara de Buga, San Bonifacio de Ibagué agus Santiago de Cali. Mar sin, fhuair am baile an t-ainm aige bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Santa bhon fhacal Laideann Sanctus[5] (Coisrisgte) agus Fe (Creideas) bhon fhacal Laideann Fides.[6] Thathar ag ràdh gur ann às an ainm Bacatá a th'ann an eileamaid Bogotá, a tha a' ciallachadh dùin, leis gur e prìomh-bhaile nan Zipa a bh'ann.[7] Tha feadhainn eile a' mìneachadh gur e Wak'ata an seann ainm a bh' air a' bhaile agus gu bheil sin a' ciallachadh àite coisrigte.[8]
Sluagh a' bhaile
Ged a tha 6,840,116 nan tàmh anns a' bhaile, chan eil ach 15,606 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile. Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[9] Air adhbharan trioblaidean poileataigeach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.
Eachdraidh
Chaidh Jorge Eliecer Gaitán, a bha na thagraiche do cheannas na dùthcha airson nan Libearalach, a mharbhadh ann am Bogotá ann an 1948. Lean aimhreit agus comh-strì sna sràidean sa bhaile fad seachdain agus bha meadhan a' bhaile a mhilleadh gu tur. B' e Am Bogotazo an t-ainm a chuireadh air sin. Thàinig cogadh an a dhèidh. Ann an 1957, an dèidh dusan bliadhna de deasbad, chaidh sgìre shònraichte a stèidheachadh mu timcheall a' bhaile. Chaidh 5 baile eile a thoirt a-steach fo a sgàil: Bosa, Engativá, Fontibón, Subá, Sumapaz agus Usaquén. Bha an Riaghaltas air a bhith a' gabhail ri atharrachadh mòr airson a' phrìomh-bhaile fiù' s bliadhnachan roimhe ann an 1945,[10] ach chan fhaodadh càil a dhèanamh air sàilleabh gu robh cogadh sìobhalta ann.
Fèisean
Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Bogotá. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[11] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.
- Fèis an Neo-eisimeileachd: 20mh An t-Iuchar.
Bailtean co-cheangailte
Daoine ainmeil
- Jerónimo de Mendoza Galavís (1773–1839): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1831 agus 1839.
- Pedro Alcántara Herrán (1800–1872): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1841 agus 1845.
- Eustorgio Salgar (1831–1885): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1870 agus 1872.
- Miguel Antonio Caro Tovar (1843–1909): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1894 agus 1898.
- Eduardo Santos (1888–1974): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1938 agus 1942.
- Roberto Urdaneta Arbeláez (1890–1972): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1951 agus 1953.
- Jorge Eliecer Gaitán (1898–1948): Tagraiche ceannas na dùthcha ann an 1948.
- Laureano Gómez Castro (1899–1965): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1950 agus 1953.
- Alberto Lleras Camargo (1906–1990): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1958 agus 1962.
- Carlos Lleras Restrepo (1908–1994): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1966 agus 1970.
- Alfonso López Michelsen (1913–2007): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1974 agus 1978.
- Julio César Turbay Ayala (1916–2005): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1978 agus 1982.
- Ernesto Samper (1950): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1994 agus 1998.
- Juan Manuel Santos Calderón (1951): Ceann-suidhe na dùthcha bho 2010.
- Andrés Pastrana Arango (1954): Ceann-suidhe na dùthcha eadar 1998 agus 2002.
Ann an litreachas
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
- Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
- Bailtean as motha na dùthcha
- Mongabay
- “Bailtean as motha na cruinne”. Air a thasglannadh [o http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500] 30mh dhen Ògmhios 2013.
- Real Academia de la Lengua
- Real Academia de la Lengua
- Bogotá Mía
- Organización de Estados Iberamericanos
- Colombia Virtual
- Banrepcultural
- Country Studies: Colombia
- SisterCities
- SisterCities
- Comhairle Mhadrid
Arauca • Armenia • Barranquilla • Bogotá • Bucaramanga • Cartagena • Cali • Cúcuta • Florencia • Ibagué • Inírida • Leticia • Manizales • Medellín • Mocoa • Montería • Mitú • Neiva • Pasto • Pereira • Popayán • Puerto Carreño • Quibdó • Riohacha • San Andrés • San José del Guaviare • Santa Marta • Sincelejo • Tunja • Valledupar • Villavicencio • Yopal