Blàr
Tha am facal blàr a’ ciallachadh achadh mòr, no raon car farsaing car còmhard de dh’ fhearainn car garbh. Bhuaidh sin, tha e aʼ ciallachadh cuideachd àite far an robh cath no còmhrag. Tha e aʼ nochdadh ann an iomadh ainm-àite ann an Albainn. Bho fear air choireigin de na h-ainmean-àite sin thàinig an t-ainm-sloinnidh “Blàr”, no Blair sa Bheurla[1], agus an uair sin chaidh a chleachdadh mar ainm-baistidh fireann cuideachd.[2]
Daoine ainmeil air a bheil an t-ainm "Blàr" neo "Blàrach"
Faic cuideachd: Ainmean Gàidhealach
Ann an ainmean-àite
Nochdaidh an t-àinm "Blàr" ann an iomadh àite ann an Alba. Seo dìreach cuid dhiubh:
Blàir chatha ann an Albainn
Faic an duilleag Blàir chatha ann an Albainn
- 84 - Blàr Mons Graupius
- 1263 - Blàr na Leargaidh Ghallta
- 1297 - Blàr Drochaid Shruighlea
- 1314 - Blàr Allt a' Bhonnaich
- 1411 - Cath Gairbheach
- 1513 - Blàr Flodden
- 1645 - Blàr Inbhir Lòchaidh
- 1651 - Blàr Inbhir Cèitein
- 1679 - Blàr Drochaid Bhothwell
- 1689 - Blàr Coille Chnagaidh
- 1746 - Blàr Chùil Lodair
- 1715 - Blàr Sliabh an t-Siorraim
- 1882 - Blàr a' Chumhaing
Iomraidhean
- Akerbeltz:: “Ainmean”. Làrach-lìn aig Sabhal Mòr Ostaig.
- Hanks, Patrick; Hodges, Flavia (2003), Oxford Dictionary of First Names (2na deas.). Oxford: Oxford University Press. d.43; ISBN 0-19-860764-4
- Nuair a bha Tony Blair agus George W. Bush a’ beachdachadh air ionnsaigh a chur air Iraq aig toiseach 2003, b’ e “Na lean Blair gu Blàr!” fear de na gairmean aig an fheadhainn a bha a’ togail fianaise ’na aghaidh.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.