Bjarni Benediktsson
'S e neach-malairt agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann am Bjarni Benediktsson.[1] Rugadh e air 26 am Faoilleach 1970 ann an Reykjavík ach tha e a' fuireach a-nis ann an Garðabær.[2] Bha bràthair-seanar Bhenediktsson, air an robh Bjarni Benediktsson (1908 - 1970) cuideachd na neach-poileataigs.[3] Tha Benediktsson na bhall Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd), a' chiad fhòrsa poileataigeach as motha san Alþingi, agus a tha san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Vinstrihreyfingin - grænt framboð agus Framsóknarflokkurinn. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 2003. Bha Benediktsson na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) eadar Am Faoilleach 2017 agus An t-Samhain 2017. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle (Innis-Tìlis: Háskóli Íslands). Tha Benediktsson pòsta aig Þóra Margrét Baldvinsdóttir agus tha ceathrar chloinne aca còmhla.
Bha Benediktsson na chathraiche air dà chompanaidh - N1 agus BNT - anns na bliadhnaichean 2005 - 2008 ac leig e dheth na dreuchdan cathraiche seo a bh'aige às deidh tuiteam a' bhanca ann an Innis Tìle as t-fhoghar 2008 oir bha e a' faireachdainn gu robh cruaidh fheum aige air sgarradh a dhèanamh eadar na bha e an sàs ann am malairt agus poileataigs. Às deidh an tuiteam sin, a thug staing gu math doirbh air eaconomaidh Innise Tìle, rinn a' Chomataidh Sgrùdaidh sgrùdadh air cia mheud BP a fhuair iasad de chòrr air ceud millean krónur bho 2005 gu ruige tuiteam nam bancaichean san Dàmhair 2008. Thàinig gu bàrr gu robh fiachan de 174 millean aig Benediktsson. Stèidhich Benediktsson a' chompanaidh far-oirthir Falson & co anns Na h-Eileanan Sheiseall ann an 2006. Bha a' chompanaidh sin a' riaghladh na bha Benediktsson a' cur ri pròiseactan thogalaichean ann an Dubai.[4] Air sgàth sin, San t-Sultain 2017 thuirt Björt framtíð gum fàgadh iad an co-bhanntachd anns an robh iad le Sjálfstæðisflokkurinn agus Viðreisn. Mar thoradh air an sin, bhris caibineat Bhjarni Bhenediktsson agus chaidh taghadh tràth a dhèanamh.
Ann an 2015, nochd aoidion dàta gu robh Benediktsson air a bhith na neach-cleachdaidh clàraichte air an làrach-lìn Ashley Madison, a tha na làrach-lìn airson daoine pòsta no daoine ann an dàimhean a tha a' gabhail ri adhaltrachd. Chaidh Benediktsson a chlàradh an sin fon ainm-cleachdaidh "IceHot1".[5] Thuirt Benediktsson agus Baldvinsdóttir gu bheil iad air an clàradh còmhla air an lìon dìreach airson spòrs.
Cabineit Bhenediktsson
Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Benediktsson os cionn an riaghaltais.[6] Bhuinneadh iad uile gu Björt framtíð, Sjálfstæðisflokkurinn, agus Viðreisn:
- Bjarni Benediktsson: Prìomhaire
- Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir: Àiteachas agus Iasgach
- Þórdís Kolbrún Reykfjörð Gylfadóttir: Turasachd, Gnìomhachas agus Ùr-ghnàthachadh
- Benedikt Jóhannesson: Ionmhais agus Eaconomaidh
- Sigríður Á. Andersen: Ceartas
- Jón Gunnarsson: Còmhdhail agus Roinnean
- Kristján Þór Júlíusson: Foghlam agus Cultar
- Björt Ólafsdóttir: Àrainneachd agus Stòrasan nàdarra
- Guðlaugur Þór Þórðarson: Dùthchannan Cèin
- Óttarr Proppé, Slàinte
- Þorsteinn Víglundsson: Cùisean Sòisealta agus Co-ionannachd
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Ro-Theachdair: Sigurður Ingi Jóhannsson (2017) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Katrín Jakobsdóttir (2017) |