Belluno
‘S e baile mòr air an àirde an ear-thuath na h-Eadailt a th’ ann am Belluno (Fraingis: Bellune, Laideann: Belum, Gearmailtis: Beilun). 'S ann às an t-Seann Ceilteach belo-dunum a tha ainm a' bhaile. Tha e suidhichte aig 376m os cionn ìre na mara,[1] ri taobh na h-Aibhnichean Torrente Ardo agus Piave, anns a' Ghleann Valbelluna, eadar Beanntannan na Dolomiti agus na h-Alpi. Tha am baile am broinn na sgìre (Eadailtis: Provincia) Belluno fhèin, anns an roinn (Eadailtis: Regione) Veneto, 472km air falbh bhon An Ròimh, prìomh-bhaile na dùthcha, 247km bho Mhilano, 65km bho Phadova, 275km bho Fhirenze agus dìreach 33km bho Chanale d'Agordo.[2] Tha 36,506 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[3]
Belluno | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Ceàrn | ![]() |
Co-chomharran | 46° 08′ 00 Tuath 12° 13′ 00 Ear |
Feartan fiosaigeach | |
Farsaingeachd | 147.18 km² |
Àireamh-shluaigh | 36,506 (2009) |
Dlùths | 248.04/km² |
Àireamh fòn | +39 0437 |
Duilleag oifigeil | http://www.comune.belluno.it |
Daoine Ainmeil
- Bartolomeo Alberto Cappellari (1765 – 1846): Pàp bho 1831 gu 1846.
Ceanglaichean a-mach
- Riaghaltas na Roinne
- Riaghaltas na SgìreTeamplaid:Fix/category
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.