Bayezid II
B' e ochdamh Sultan Impireachd nan Otomanach a bh' ann am Bayezid II (ainm eile: Bayezid-ı sānī, Dimetoka 3 an Dùbhlachd 1447–Çorlu 26 an Cèitean 1512).[1] B' e a' chiad mac Mehmed II agus Gülbahar Hatun a bh' ann. Bha e os cionn na dùthcha bho 1481 - 'S ann coltach gun do mharbh e athair le stuth puinnseanta ann an Gebze - gu ruige 1512 nuair a chaochail e fhèin. B' fheudar dha shabaid an dà chuid an aghaidh corra dhuine taobh a-staigh na h-Impireachd aige a bhràthair Cem agus feadhainn eile) agus Venezia agus Iran taobh a-muigh. An dèidh bhliadhnaichean rinn e a chùis air feachdan Venice anns na Peloponnese.[2] An dèidh gun do chuireadh na h-Iùdhaich agus na Muslamaich a-mach às An Spàinn, b' e Bayezid II a thug iad dhan Impireachd aige, far an robh iad nan tàmh fad linntean gus an tàinig Hitler dhan chumhachd sa Ghearmailt. Rinn Bayezid II droch chàineadh air Fernando à Aragon: Esan a tha an rìoghachd aige a' fàgail bochd is an rìoghachd agam fhìn a' beairteachadh![3] Chuir na h-Iùdhaich piseach air eaconomaidh na stàit agus nochd teicneolas air feadh na h-Impireachd agus b' e linn an òir do chultair nan Iùdhach a lean na rinn Bayezid II.
Bayezid II | |||
---|---|---|---|
![]() | |||
1481 (Gregorian) - 1512 (Gregorian) ← Mehmed an Ceannsaiche - Selim I → | |||
Beatha | |||
Breith | Amasya, 3 dhen Dùbhlachd 1447 | ||
Ciad chànan |
Ottoman Turkish (en) ![]() | ||
Bàs | Istanbul, 26 dhen Chèitean 1512 | ||
Àite-adhlacaidh |
Bayezid II Mosque (en) ![]() | ||
Teaghlach | |||
Athair | Mehmed an Ceannsaiche | ||
Màthair | Gülbahar Hatun | ||
Cèile |
Ayşe Hatun (en) ![]() Şirin Hatun (en) ![]() Nigar Hatun (en) ![]() Bülbül Hatun (en) ![]() Gülruh Hatun (en) ![]() Ayşe Gülbahar Hatun (en) ![]() Muhtereme Ferahşad Hatun (en) ![]() Hüsnüşah Hatun (en) ![]() | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||
Foghlam | |||
Cànain |
Ottoman Turkish (en) ![]() Arabais Peirsis Chagatai (en) ![]() Eadailtis | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Ioslam | ||
![]() |
Iomraidhean
- All About Turkey
- Ochsenwald, W., & Fisher, S. (2003). The Middle East: A History. New York: McGraw-Hill.
- History of Information