Barbosa

'S e baile-mòr anns A' Ghleann Aburrá a tha ann am Barbosa. Tha e faisg air Medellín ann an Antioquia,[1] Coloimbia.[2] Tha Barbosa na phàirt dhen Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1795.

Barbosa
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Sgìre Valle de Aburrá (A' Ghleann Aburrá)
Àirde 1350m
Co-chomharran 6° 26' Tuath
75° 320' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 208 km²
Àireamh-shluaigh 42,439 (2005)
Dlùths 204.03/km²
Duilleag oifigeil Riaghaltas Bharbosa

Freumhan an Ainm

Fhuair am baile an t-ainm aige bho Dhiego Fernández de Barbosa, an duine a cheannaich am fearann far a bheil am baile an an 1795.[3] 'S e Hatillo de Barbosa agus Llanos de Barbosa na ciad ainmean a bha air a' bhaile, bho dhà fhacal ann an Spàinntis: Hatillo (tuathanas cruidhe) le freumhan anns an fhacal Gotach Fata (Aodach)[4] agus llanos (tìr còmhnard rèidh) bhon fhacal Laideann Planus.[5] 'S e meanbhar a th' ann -illo, dìreach mar -ag anns a' Ghàidhlig.[6]

Sluagh a' bhaile

Tha 42,439 nan tàmh anns a' bhaile, agus 23,831 dhuibh a' fuireach anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile, .[7] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[8] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala a th' ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann am Barbosa (is mòran dhuibh mestizos), chan eil Tùsanaich ann ach tha 4% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. 'S urrainn dhan 91,4% dhe na daoine ann am Barbosa leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, tha fòn aig an taigh aig 78% dhe na dachannan.[9]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Barbosa. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid Chaitligeach a th' ann fhathast,[10] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Ceanglaichean A-mach

An t-sìde ann am Barbosa (Medellín)

Iomraidhean

  1. Mapa oifigeil na roinneTeamplaid:Fix/category
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' Chomhairle
  4. Real Diccionario de la Lengua
  5. Real Diccionario de la Lengua
  6. Spanish About.com
  7. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  8. Cololmbia Virtual
  9. Bileag fhiosrachaidh DANE
  10. Country Studies: Colombia
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.