Baile Nèill

'S e baile anns an t-Siorrachd Rinn Friù an Ear a tha ann am Baile Nèill (Beurla: Neilston).[1] Tha e suidhichte ann an Gleann Levern, mu 2 mhìle air àirde an iar-dheas Ceann a' Bhàirr, 3.8 mìltean deas air Paislig agus mu 5.7 air àirde an iar-dheas air Rinn Friù. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 47′ 4.79″ Tuath agus 4° 25′ 24.23″ Iar.

Baile Nèill

Ann an 2001 bha 5,168 duine a' fuireach an seo. [2]

Tha Baile Nèill a' nochdadh ann an seann tùsan às an 12na linn. Bha e na sgìre eaglaiseil cudromach le ceangal làidir gu Abaid Phaislig air an taobh tuath dheth.

An-diugh tha mòran duine a' fuireach ann am Baile Nèill a tha a' dol gu Glaschu gach latha airson an obair aca. Tha meur rathad-iarainn a' crìochnachadh aig Baile Nèill.

Iomraidhean

  1. Stòr-dàta SMO
  2. Scotland's Census Result OnLineTeamplaid:Fix/category

Ceanglaichean a-mach

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NS 481 572
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.