Bacteria
'S e fàs-bheairtean anns a' Phrokaryota a tha ann am bacteria.

Shigella dysenteriae, seòrsa de bhacteria
'S e ceallan shingilte a tha annta, gun niuclas no maiteochondria mar anns an Eukaryota, ach tha citoplasm, meamran na cealla agus balla na cealla ann.[1]
B' e Antoni van Leeuwenhoek a bha a' chiad duine a chunnaic bacteria fon maicreosgop, Robert Koch a dhearbhaich gum b' e meanbh-bheathaich, mar bhacteria agus bhìorasan a bha anns an adhbhar thinneasan, agus Louis Pasteur a dhearbhaich nach do chruthaich gineamhainn deònach iad.[2]
Iomraidhean
- “Prokaryotic and eukaryotic cells”. BBC Bitesize. BBC. Air a thogail 10mh dhen Ghiblean 2020.
- Nouri, Aria (7mh dhen Chèitean 2011): “The discovery of bacteria”. Scientia blog. American Association for the Advancement of Science. Air a thogail 10mh dhen Ghiblean 2020.
Ceanglaichean a-mach
- gd.SuperBugs.online – sa Ghàidhlig, airson sgoiltean
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.