Bùirdeasachd
'S e clas sòisealta a tha co-ionnan le na clasaichean meadhanach agus meadhanach-àrd a th' anns a' Bhùirdeasachd (Fraingis: bourgeoisie, IPA; buʁʒwazi), a rèir luchd-eòlas Eòlas-comainn.[1] Tha a' Bhùirdeasachd air a dealachadh bho agus, gu traidiseanta, air a h-iomsgaradh ris a' mhòr-shluagh air sgàth 's gu bheil a' Bhùirdeasachd mòran nas beairtiche a thaobh airgid agus cumhachd chultaireil. Thathar daonnan a' roinneadh na Bùirdeasachd eadar seann (ancienne), mòr (grande), àrd (haute), meadhan (moyenne), agus beag (petite). Aig an toiseach-tòisichidh, anns na meadhan aoisean, bha ciall an fhacail Bhùirdeasachd ceangailte ri bailtean anns A' Ghearmailt o chionn's gum faigheadh cuid dhuibh pribhleidean eaconomach ann an saoghal gu math fiùdalach, mar chòirichean mhalairt neo inbhe borgh rìoghail.[2] Ann an Gearmailtis canar burger ri cuideigin a tha a' fuireach ann am baile agus cha robh a' Bhùirdeasachd mar a chithear an latha an-diugh idir ann. B' e gu robh luchd na tuatha fo shiostam laghail eile. A rèir feallsanachd Mharxach, b' e a' Bhùirdeasachd a bh' anns a' chlas sòisealta a thug seilbh air an dòigh-dhèanaimh tron Tionndadh Gnìomhachais agus tha ùidh aice air an cuid luach cuid-seilbhe agus calpa a chumail gus a h-uachdaranachd san eaconomaidh a ghlèidheadh. Tha cuid a dhaoine dhen bheachd gur e gabhail a-steach eileimeidean ùra dhan a' Bhùirdeasachd, gu seachd-àraidh luchd-tionnsgain a bhios a' toirt ùr-ghnàthachadh dhan eaconomaidh tro mhilleadh chruthachail, 's a bha aig teis-mheadhain Calpachais.[3] A rèir Karl Marx,[4] bidh còmhstri ann eadar a' Bhùirdeasachd agus am Mòr-shluagh an-còmhnaidh. Dhiùilteadh Faisisteachas agus Nàsachd clasaichean sòisealta mar fhorsa eachdraidheil.[5]
Iomraidhean
- Dahrendorf, Ralf (1959): Class and Class Conflict in Industrial Society. Stanford, CA: Stanford University Press, Stanford.
- Marx, K. Lohnarbeit und Kapital, Neue Rheinische Zeitung, Köln, 1847 (1849)
- Byrne, Frank J. Becoming Bourgeois: Merchant Culture in the South, 1820–1865. University Press of Kentucky, Lexington, 2006.
- Callinicos, Alex (2010): The Revolutionary Ideas of Karl Marx. Bloomsbury, Lunnainn: Bookmarks. ISBN 978-1-905192-68-7.
- Grunberger, Richard, A Social History of the Third Reich, Weidenfeld and Nicolson, Lunnainn, 1971