Bùdachas

'S e creideamh agus feallsanachd a th' ann am Bùdachas (Sanscrit: Bauddha Dharma, बौद्ध धर्म), a chaidh a chur air bhonn leis an neach-teagaisg spioradail, am Buddha. Chaidh Bùdachas a stèidheachadh anns na h-Innseachan uaireigin eadar 600 agus 450 RC, agus anns an latha an-diugh, tha mu 500 millean Buddhach nan còmhnaidh anns gach dùthaich air feadh an t-saoghail. Tha Sìochantas gu math cudromach ann am Bùdachas.

Bùdachas
Aois mu 2500 bliadhna
Neach-stèidheachaidh Siddhārtha Gautama
Cànan Cràbhach Sanskrit, Pali
Leabhraichean Cràbhach Sutraichean
Sgoiltean Mahayana
Theravada
An Tìr Ghlan
Vajrayana
Zen
Thòisich Na h-Innseachan
Dùthchanan as treasa Bhiet-Nam
Burma
Cambuidea
Butàn
Macau
Mongòilia
Tibet
Sìona
Iapan

Creideamh agus Feallsanachd

Tha Bùdachas stèidhichte air na Ceithir Fìrinnean Urramach:

  • 'S e nàdar ar beatha a th' ann 's gum fuiling sinn.
  • Tha adhbhar air cùl an fhulangais againn.
  • 'S urrainn dhuinn crìoch a chur air an fhulangas againn.
  • 'S e an t-Slighe Ochd-cheumach aig a' Bhùda an rathad do chrìoch an fhulangais againn.

Sgoiltean

Roinnean Bùdachais

Tha Bùdachas ga roinn ann an tri sgoilrean mòra, Theravada, as cumanta ann an Àisia a Deas, Mahayana, as cumanta ann an Àisia an Ear, agus Vajrayana, as cumanta ann an Àisia a Tuath. Tha Theravada a' leantainn gu dlùth an teagasg tùsail aig Buddha, ach an dà sgoil eile air iomadh leasachadh mòr a dhèanamh tro na linntean.

Mahayana

Tha Mahayana fhèin ga roinn ann am mòran sgoiltean eadar-dhealaichte:

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.