Bòrd na Gàidhlig

Is e Buidheann Phoblach Neo-Roinneil (NDPB) a tha ann am Bòrd na Gàidhlig a tha stèidhichte le, agus cunntachail do, Mhinistearan na h-Alba. Bidh uallach air Bòrd na Gàidhlig (Alba) airson stiùireadh iomlan is riaghladh Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

Eachdraidh

Chaidh Bord na Gàidhlig a stéidheachadh ann an 2003. Tha ceann oifig a' bhùird ann an Inbhir Nis.

Chaidh Bòrd na Gàidhlig ath-stèidhicheadh aig inbhe ughdarras reachdail le Achd na Gàidhlig 2005. An lùib an ath-stéidheachaidh seo, is e Cuasai-Autonomachd Eagaireachd Riaghaltais Naiseanta (CAURN) a tha ann, le na dleasdanasan reachdail don stàit a tha tighinn an lùib na h-inbhe sin.

Cathraichean

  • 2002 - 2005 Donnchadh MacFheargais
  • 2006 - 2008 Mata MacÌomhair
  • 2008 - 2009 Art MacCormaig (eadar-amail)
  • 2009 - 2012 Art MacCormaig
  • 2012 - 2013 Ealasaid Nic an t-Saoir (eadar-amail)
  • 2013[1]-2014[2] Iain Caimbeul
  • 2014 - 2015 Ailean Dòmhnallach (eadar-amail)
  • 2015[3]- 2018 Ailean Dòmhnallach
  • 2018 - Màiri T. NicAonghais (eadar-amail)[4]

Ceannardan

  • 2000 - 2015-03 Iain Aonghais MhicAoidh
  • 2015-03 - 2015-06[5] Iain Caimbeul
  • 2016-06[6] - Seona NicIllInnein

Iomraidhean

  1. Cathraiche ùr do Bhòrd na Gàidhlig
  2. BBC Naidheachdan 2014-12-02: Ceannard ùr air Bòrd na Gàidhlig
  3. BBC Naidheachdan 2015-06-02: Ailean Dòmhnallach Cathraiche ùr Bòrd na Gàidhlig
  4. Kellow, Stephen (10mh dhen Dùbhlachd 2018): Bòrd na Gàidhlig air Cathraiche Eadar-amail ainmeachadh (Gàidhlig). Bòrd na Gàidhlig. Air a thogail 12mh dhen Dùbhlachd 2018.
  5. BBC Naidheachdan 2015-07-01: Eas-aonta aig Bòrd na Gàidhlig
  6. BBC Naidheachdan 2016-03-23: Ceannard ùr air Bòrd na Gàidhlig

Ceanglaichean a-mach

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.