Arthur Conan Doyle
'S e sgrìobhadair Albannach a bha ann an Sir Arthur Ignatius Conan Doyle (22 Cèitean 1859, Dùn Èideann–7 Iuchar 1930, Crowborough, East Sussex), ainmeil air sgàth a sgeulachdan mu dhèidhinn Sherlock Holmes.
Arthur Conan Doyle | |
---|---|
![]() | |
Beatha | |
Ainm slàn | Arthur Ignatius Conan Doyle |
Breith | Dùn Èideann, 22 dhen Chèitean 1859 |
Dùthaich |
![]() |
Ciad chànan | Beurla |
Bàs |
Windlesham Manor (en) ![]() ![]() |
Àite-adhlacaidh |
Church of All Saints cemetery (en) ![]() Windlesham Manor (en) ![]() |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (stad a' chridhe) |
Teaghlach | |
Athair | Charles Altamont Doyle |
Màthair | Mary Foley |
Cèile |
Louisa Hawkins (en) ![]() Jean Elizabeth Leckie (en) ![]() |
Clann |
liosta
|
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
|
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Stonyhurst Saint Mary's Hall (en) ![]() (1868 - 1870) Stonyhurst College (en) ![]() (1870 - 1875) Stella Matutina (en) ![]() (1875 - 1876) Sgoil Leigheas Oilthigh Dhùn Èideann (1876 - 1881) |
Àrd-fhoghlam |
Bachelor of Medicine (en) ![]() Master of Surgery (en) ![]() |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd |
lighiche, physician writer (en) ![]() |
Obraichean comharraichte |
canon of Sherlock Holmes (en) ![]() The Lost World (en) ![]() |
Duaisean a fhuaras |
liosta
|
Buaidh | Robert Louis Stevenson |
Gnè ealain |
crime fiction (en) ![]() Ficsean-saidheans ur-sgeul eachdraidheil |
Creideamh | |
Creideamh |
lapsed Catholic (en) ![]() spiritism (en) ![]() |
Pàrtaidh poileataigeach |
Liberal Unionist Party (en) ![]() |
IMDb | nm0236279 |
conandoyleestate.com agus sirconandoyle.com | |
![]() |
Bha e na oileanach ann an Sgoil Meadaigeach Oilthigh Dhùn Èideann, agus bha e ag obair mar dhotair as dèidh sin, ach 's litreachas a rinn ainmeil e. Sgrìobh e a' chiad nobhail le Sherlock Holmes is Dr Watson, A Study in Scarlet, ann an 1886, agus bha i air foillseachadh ann an 1887. Sgrìobhadh e grunn stòiridhean leis an dà as dèidh sin, agus tha e aithnichte gus an latha a tha ann air an sgàth, ged a bha esan na bu mhoiteile às na seachd nobhailean eachdraidheil a sgrìobh e.
Bha e cuideachd an sàs ann am poileataigs agus ann am beatha phoblaich: thug e taic dhan Chogadh Bhoer anns an leabhar The War in South Africa: Its Cause and Conduct. Bha e dà uair (1900 agus 1906) na thagraiche pàrlamaid, ged nach robh e soirbheachail. Agus ann an 1906, nuair a bha e na dhàrna sgrìobhadair Breatannach beò as cliùitiche (as dèidh Rudyard Kipling), chuidich e fear-lagha Innseanach, George Edalji, a bha air a dhìteadh (gu ceàrr) mar ùghdair litrichean bagarrach: bha e cuideachd air sàilleibh na cèise seo gun deach an Cùirt Ath-thagraidh Eucoireach (Court of Criminal Appeal) a stèidheachadh.
Ceanglaichean a-mach
- Am Bann Breac (The Adventure of the Speckled Band) - eadar-theangachadh Gàidhlig de fhear de na 56 stòiridhean giorra mu Sherlock Holmes a sgrìobh e air làrach-lìn Stòrlann
- Arthur Conan Doyle - leabhraichean-d leis (sa Beurla) air làrach-lìn gutenberg.org