Armen Garo
B' e neach-poileataigs, neach-iomairt agus riochdaire dioplòmasach à Airmeinia a bh' ann an Armen Garo (fior ainm: Karekin Pastermadjian, Airmeanais: Գարեգին Փաստրմաճեան, Erzurum 9 an Gearran 1872–Geneva 23 am Màrt 1923).[1] An dèidh na sgoile fhàgail, chaidh e dhan oilthigh École Nationale Supérieure d'Agronomie et des Industries Alimentaires (ENSAIA) ann am Vandœuvre-lès-Nancy thall san Fhraing, far an robh e an sàs anns an Dashnaktsutyun,[2] a' bhuidheann a bha a' sabaid airson neo-eisimeileachd do dh'Airmeinia an aghaidh Impireachd nan Otomanach. Leig e dheth an oilthigh agus thill e dhachaidh ri shabaid an dèidh a' Mhuirt a rinneadh ann an Süleymanlı (Aimeanais: Զէյթուն) ann an 1895. An ceann bliadhna bha e an lùib ionnsaigh a thug an Dashnaktsutyun air Banca nan Otomanach (Turcais: Osmanlı Bankası Baskını) ann an Istanbul.[3] B' fheudar dha an dùthaich fhàgail fad bliadhnaichean. An dèidh ar-a-mach nan Turcach Òga (Turcais: Jön Türk Devrimi) ann an 1908, thill e dhachaidh agus chaidh a thaghadh na bhall-pàrlamaid. Chaidh aige Achd a chur tron phàrlamaid a bhrosnaicheadh leasachaidhean ann an siostam nan trèanaichean. Nuair a fhuair an dùthaich aige a chuid neo-eisimeileachd, eadar 1918 agus 1920, dh'ainmicheadh e mar thosgair sna Stàitean Aonaichte.[4] Chaochail e le greim-cridhe ann an Geneva ann an 1923. Cha robh e ach 51 bliadhna a dh'aois.[5]
Armen Garo | |||||
---|---|---|---|---|---|
1908 - dhen Ghearran 1914 Sgìre: Erzurum Province (en)
1918 - 1920 | |||||
Beatha | |||||
Ainm slàn | Գարեգին Փաստրմաճեան | ||||
Breith | Erzurum, 9 dhen Ghearran 1872 | ||||
Dùthaich |
Impireachd nan Otomanach First Republic of Armenia | ||||
Cinneadh | Armenians (en) | ||||
Bàs | Geneva, 23 dhen Mhàrt 1923 | ||||
Àite-adhlacaidh | Cemetery of Kings (en) | ||||
Teaghlach | |||||
Clann |
liosta
| ||||
Foghlam | |||||
Foghlam |
Sanasarian College (en) 1891) Université de Nancy (en) (1894 - 1895) Oilthigh Geneva (1896 - 1900) doctorate in chemistry (en) | ||||
Àrd-fhoghlam | doctorate in chemistry (en) | ||||
Cànain |
Turcais Armenian (en) Fraingis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | neach-poileataigs, dioplomat agus luchd an airm | ||||
Com-pàirtiche
| |||||
Fastaichean | First Republic of Armenia (en) (1918 - 1920) | ||||
Ballrachd |
Delegation of the Armenian Republic (en) Armenian national delegation (en) | ||||
Gluasad | Armenian national movement (en) | ||||
Far-ainmean | Արմեն Գարո | ||||
Seirbheis san arm | |||||
Meur an airm | Armenian volunteer units (en) | ||||
Ìre | oifigeach coitcheann | ||||
Strì |
An Cogadh Mòr Armenian-Tatar massacres 1905-1907 (en) | ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | Armenian Revolutionary Federation (en) |
Iomraidhean
- Kaligian, Dikran Mesrob (2011): Armenian organization and ideology under Ottoman rule, 1908-1914 (Rev. ed.). New Brunswick, NJ: Transaction. ISBN 1412848342.
- Յուրաքանչյուր երկրորդ չափահաս հայաստանցին կուսակցակա՞ն
- Bloxham, Donald (2005): The Great Game of Genocide: Imperialism, Nationalism, and the Destruction of The Ottoman Armenians. Oxford: Oxford University Press, td. 53. ISBN 0-19-927356-1.
- Derogy, Jacques (1990): Resistance and Revenge: The Armenian Assassination of the Turkish Leaders Responsible for the 1915 Massacres and Deportations. New Brunswick: Transaction.
- Hairenik