Armadal
Is dòcha gu bheil thu a' lorg Armadail, Lodainn an Iar
Armadal | |
Sealladh bho Chaisteal Armadail air Armadal | |
Suidheachadh | |
Armadal (Alba) | |
Dùthaich | Alba |
Co-chomharran | 57° 3′ 54″ T 5° 53′ 31″ I |
Comharradh-clèithe | NG641038 |
Feartan fiosaigeach |
'S e baile beag ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach a th' ann an Armadal[1] (Beurla: Armadale). 'S e port-mara airson na h-aiseige a tha ann. An sin tha aiseagan a' dol eadar Armadal agus Malaig le Caledonian Mac a' Bhriuthainn.
Tha bùth coimhearsnachd ann an Armadal anns a bheil oifis a' phuist agus ionad-fiosrachaidh luchd-turais. A bharrachd air sin tha Bùth Tuathanas an Eilein agus garaids ann. Ri taobh a' chidhe tha taigh-bìdh beag leis an ainm "The Shed", bùth leathair agus bùth aodaich. Gheibhear bàta bhon chidhe a bheir luchd-turais a Chnòideart, Eilean Rùm agus cuairtean mara gus beathaichean fhaicinn.
Tha Ionad Clann Dòmhnaill[2] suidhichte ann an Armadal le 40 acair fearann, a' gabhail a-steach gàrradh mòr, caisteal nan Dòmhnallach, taigh-tasgaidh air eachdraidh nan Eilean agus taigh-bìdh. Bidh mòran bhusaichean luchd-turais a' tadhal air an ionad gach bliadhna.
A rèir Iain Mhic an Tàilleir 's e ainm Lochlannais a tha ann an Armadal.[1]
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
- BBC Naidheachdan 2016-04-08: Aiseag Armadail “a’ tuiteam às a chèile”
- BBC Naidheachdan 2016-04-12: Gearain mu aiseag Armadail' (aithris bhideo 2:28)
- BBC Naidheachdan 2016-05-05: Fearg mu sheirbheis aiseig Armadail
- BBC Naidheachdan 2016-05-17: “Sgainneal” Mhalaig ’s Armadal
- BBC Naidheachdan 2016-06-07: “Mealladh” mu thilleadh an MV Coir’ Uisg’ (aithris-bhideo 2:01)
- BBC Naidheachdan 2016-08-04: Ceistean a’ leantainn mu aiseag Shlèite
- BBC Naidheachdan 2016-12-19: Busaichean dol a’ sheachnadh slighe Mhalaig/Armadail
- BBC Naidheachdan 2017-01-09: “Briseadh dùil” air aiseag Armadail
- BBC Naidheachdan 2017-02-15: Mì-thoileachas an Slèite le figearan ChalMac
- BBC Naidheachdan 2018-11-22: Plana a dhìth 'son seirbheis aiseig Shlèite
- BBC Naidheachdan 2020-07-04: Comraich do chraobhan ann an Slèite
- “Neach-Glèidhidh Tìr Rubha Phoil”. YouTube. Air a thogail 28mh dhen Lùnasdal 2023 (bhideo). (bhideo 5:00 le Caitlin NicCoinnich airson FilmG 2019)