Arainn

Tha Eilean Arainn na eilean a tha suidhichte sa Linne Chluaidh, eadar Cinn Tìre is Inbhir Air ann an Alba. Chan eil e na phàirt de dh'Innse Gall. 'S e seo na co-chomharran aige: 55° 34′ 25″ Tuath agus 5° 15′ 12″ Iar.

Tha e cho farsaing ri 43,201 heactair ceàrnagach (167 sq mi) de mheud. 'S e Gaoda Bheinn an cnoc as àirde air an eilean. Tha e 874 meatair (2,866 troigh) os cionn na mara.

'S e Breadhaigprìomh-bhaile” an eilein.

Cruinn-eòlas daonna agus eachdraidh

Tha lorgan de ghnìomhachd dhaonna air Sliabh Mhacharaidh faisg air Bun na Dubh Abhann mu 3500 rC agus chaidh na tursachan a thogail mu 2000 rC. Chaidh cearcall ainmeachadh air coire Fhionn agus toll ann an clach far an do gheimhlich e a chù Bran is Fionn ag ithe anns a' chearcaill.[1]

Tha na h-oighreachdan ann an Arainn aig na Diùcan Hamilton is fhuadaich iad 300 Arainneach eadar 1829 agus 1840. Chaidh iad gu Siorrachd Mhegantick ann an Canada. Tha carragh-chuimhne nan fuadaichean ann an Loch an Eilein.[2] Anns an latha an-diugh tha an treas chuid de dh'eaconomaidh Arainn an urra ri turasachd.[3]

Daoine ainmeil

Is ann à Arainn a tha Seac MacConaill, Prìomh Mhinistear na h-Alba eadar 2001 agus 2007.

Bailtean ann an Arainn

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

  1. Machrie Moor Standing Stones”. Alba Aosmhor. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.
  2. Lamlash Improvements take on Clearances monument”. Arran Trust. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023.
  3. Linc, Darren: Eaconomaidh Arainn”, Naidheachdan a' BhBC. 15mh dhen Iuchar 2022. Air a thogail 5mh dhen Lùnasdal 2023. 
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.