Ar-a-mach na Càisge

B' e tachartas cudromach ann an eachdraidh na h-Èireann a bh' ann an Ar-a-mach na Càisge (Éirí Amach na Cásca ann an Gàidhlig na h-Èireann, Easter Rising sa Bheurla). Thachair an t-ar-a-mach rè seachdain na Càisge ann an 1916. Thòisich e air Diluain na Càisge, 24 An Giblean 1916. An t-amas a bh’ aig na reubalaich, b’ e Èirinn a bhith ’na poblachd, neo-eisimeileach bhon Rìoghachd Aonaichte. Aig an àm seo, bha an Rìoghachd Aonaichte 'n sàs anns a’ Chogadh Mhòr. B' e sin an t-ar-a-mach a bu chudromaiche ann an Èireann bhon ar-a-mach ann an 1798.

Cha robh an t-ar-a-mach soirbheachail, agus chaidh na cinn-feadhna a chur gu prìosan is mu dheireadh thall gu bàs: Seumas Ó Conghaile, Pàdraig Pearse, Thomas MacDonagh, Eamonn Ceannt, Sean MacDiarmada, is deichnear eile. Ged nach do shoirbhich iad, b' i bun-stèidh cudromach a bh' anns an ar-a-mach airson oidhirpean eile anns an àm ri teachd.

Ar-a-mach na Càisge ann an Litreachas is Ealain

Bha cuid de na cinn-feadhna nan sgrìobhadairean: Pàdraig Pearse, Seumas Ò Conghaile, Thomas MacDonagh, Joseph Plunkett, agus Roger Casement.

Sgrìobh am bàrd Èireannach Uilleam Butler Yeats dàn ainmeil, "Easter 1916".

Bha am bàrd Somhairle MacGill-Eain a' toirt spèis mhòr do Sheumas Ó Conghaile, mar a chithear anns na dàin aige: "Àird-Mhusaeum na h-Èireann".

Tùsan

  • Kirsty Lusk agus Willy Maley (deas.): Scotland and the Easter Rising (Luath Press, Dùn Èideann, 2016). Beurla.
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.