Anna Maria Lenngren

B’ e sgrìobhadair às an t-Suain a bh' ann an Anna Maria Lenngren (Uppsala 18 an t-Ògmhios 1754 - Stockholm 8 am Màrt 1817).[1]

Anna Maria Lenngren
Beatha
Breith Uppsala, 18 dhen Ògmhios 1754
Dùthaich  An t-Suain
Àite-fuirich Stockholm
Bàs Klara Church Parish (en) Translate, 8 dhen Mhàrt 1817
Àite-adhlacaidh Klara Church (en) Translate
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (aillse cìche)
Teaghlach
Athair Magnus Brynolf Malmstedt
Cèile Carl Peter Lenngren
Foghlam
Cànain Suainis
Dreuchd
Dreuchd bàrd, eadar-theangair, salonnière (en) Translate agus sgrìobhadair
Ballrachd Comann Rìoghail nan Saidheansan is Litrichean ann an Göteborg

Beatha

B' e nighean a’ bhàird Magnus Brynolfsson Malmstedt agus a bhean Märta Johanna Florin a bh' innte. Buineadh Lenngren do theaghlach gu math cùramach creideamhach.[2] Bha a h-athair na bhall an Eaglais Mhorabhianach agus chuireadh a pàrantan na sailm sa chlò. A dh’aindeoin seo, thogadh ise faisg air Oilthigh Uppsala, far an robh a h-athair na ollamh Laidinn, aig àm an t-Soillseachaidh agus fhuair Lenngren beachdan eile mu dheidhinn chreideimh. Chaidh ise agus a bràthair an aghaidh sin. Sgrìobh esan bàrdachd neo-eaglaiseach.

Ann an 1780 phòs i aig Carl Peter Lenngren, a bha na dheasaiche sa Stockholms-Posten, pàipear-naidheachd a bha uabhasach fhèin cudromach aig an àm.[3] Thug na sgrìobh Quintus Horatius Flaccus buaidh làidir oirre agus b' ann air stuth mar sgrìobh esan a thoisich i.[4] Cha do chuir i càil sa chlò fon ainm aice fhèin ach ann an 1778: På mademoiselle Anna Lovisa Pahls saliga hemfärds dag, den 14 Maji 1772, die Corona. B' e rìgh na Suaine fhèin a choimiseanaich i ri a chur Lucile gu Suainis, a' chiad turas a thachair sin. Fhuair i duais agus coimiseanan eile às a dhèidh.

Ghabhadh i ri beachdan ùra fad a beatha. Bha i airson chòirichean do mhnathan, gu h-àraidh ann an saoghal nan leabhraichean agus oilthighean, mar a sgrìobh i ann an Thé-conseillen (1777).[5] Thoisich i ri Voltaire agus Rousseau a leughadh agus thug an leughadh seo buaidh mhòr oirrese. Bheireadh i slaic do shiostam ann clasaichean ann an Pojkarne agus Hans nåds morgonsömn, agus bheachdaicheadh i an aghaidh pribhleidean nan uachdaran. Bha i airson Ar-a-mach na Frainge, los gun atharraicheadh i ana-cheartas san Fhraing.[6]

Bàrdachd

  • På mademoiselle Anna Lovisa Pahls saliga hemfärds dag, den 14 Maji 1772, die Corona, Uppsala, 1772
  • Tankar vid det nya kyrko årets början 1772, Upsala veckotidningar, Uppsala, 17772
  • Klagan vid mademoiselle Anna Maria Bobergs graf den 3 Julii 1774, Uppsala, 1774
  • Afton-qväde, Upsala vecko-tidning, 1774
  • Vid caffe-pannan
  • Vid archi-biskopens . . . Magni Beronii graf, den 13 Ju-lii, 1775, Uppsala, 1775
  • Impromptu, Lunds vecko-blad, 1775
  • Herrans fruktan, grunden till then bästa vishet, . . . förklarad vid . . . Magni O. Beronii . . . begrafning . . ., Uppsala, 1778
  • Thé-conseillen
  • Öfver hans Kongl. höghets kronprinsens födelse den 1 november 1778 1778
  • Dröm, 1798
  • Skaldeförsök, 1819
  • Porträtterna
  • Grefvinnans besök
  • Fröken Juliana
  • Hans nåds morgonsömn
  • Pojkarne
  • Den glada festen
  • Några ord till min kära dotter, ifall jag hade någon 1794
  • Andra tyger, andra seder!

Rosg

  • Hwad Nytt?? Hwad Nytt??, 1774–1777
  • Stockholms Posten, 1778–1803, 1809–1810, 1814–1816
  • Musikaliskt tidsfördrif, 1789–1791, 1793, 1796–1797, 1801, 1816
  • Sommarpromenaden, 1792, 1794–1797, 1801
  • Skaldestycken satta i musik, 1795, 1796, 1798, 1800, 1803, 1816

Eadar-theangachadh

  • J F Marmontel: Lucile operetta, 1776
  • Zemire och Azor, Comedie ballet, 1778
  • Publius Ovi-dius Naso, Dido til Eneas, Heroide, 1778
  • C-S Favart: Arsene, comedie, 1779
  • O Wolff: Snart döden skall det öga sluta, 1819

Ceanglaichean a-muigh

Iomraidhean

  1. Afzelius, Nils; Lenngren, Anna Maria (1954). Anna Maria Lenngren 1754 18/6 1954: katalog över en minnesutställning i Kungliga biblioteket : ett tvåhundraårsminne. Stockholm. Libris 786428
  2. Blanck, Anton (1961). Anna Maria Lenngren. Svenska författare, 99-0158538-4, Stockholm: Natur & Kultur. Libris 8072998
  3. Silén, Daniela (2007). Rolldiktaren och ironikern Anna Maria Lenngren. Meddelanden från Avdelningen för nordisk litteratur, Nordica, Helsingfors universitet, 1457-182X ; 17. Helsingfors: Nordica, Helsingfors univ. Libris 10591419. ISBN 978-952-10-4066-5
  4. Leijonhufvud, Sigrid (1904). Anna Maria Lenngren. Föreningen Heimdals folkskrifter, 99-1250994-3 ; 82. Stockholm: Norstedt. Libris 1555420
  5. Riksarkivet
  6. Stig Hadenius, Torbjörn Nilsson & Gunnar Åselius (1996). Sveriges historia. Vad varje svensk bör veta, Bonnier. ISBN 9134518576
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.