Anna Karenina

'S e nobhail uabhasach fada a sgrìobh Lev Tolstoj a tha ann an Anna Karenina (Анна Каренина san Aibidil Cirileach). Bha i air fhoillseachadh airson a' chiad turais mar nobhail ann an 1878, ged a nochd i ann an criomagan anns a' Phàipear-naidheachd Ру́сский ве́стник (Russkiy Vestnik), eadar 1873 agus 1877. Tha cuid a dhaoine ag ràdh gur i an nobhail as fhèarr a chaidh a sgrìobhadh a-riamh. Suidhichte eadar Moscobha agus Sankt Peterburg, 's ann mun Teaghlach, brathadh, creideas, sannt agus sòisealtas na Ruise aig deireadh na 19mh Linn 's a tha Tolstoy a' beachdachadh san leabhar seo.[1]

Анна Каренина
(Anna Karenina)
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Lev Tolstoj
Bliadhna Foillseachaidh 1878
Cànan Ruisis
Dùthaich An Ruis
Gnè-sgrìobhaidh Nobhail Gaoil
Cuspair teaghlach, brathadh, creideas, sannt agus sòisealtas na Ruise
Suidhichte Moscobha agus Sankt Peterburg

Iomraidhean

  1. Bayley, John, Tolstoy and the Novel (Chatto and Windus, London, 1966)
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.