Andes (baile)

'S e baile dùthchasail ann an ceann a deas Antioquia, ann an Colombia a th' ann Andes, neo San Juan de los Andes. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na roinne aig 1,360m os cionn ìre na mara, 117km air falbh bho Mhedellín. Tha an sgìre aige an sàs ann an gnìomhachas a' chofaidh. 'S e baile le gnàth-shìde gu math blàth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach dhe 21.2° aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1852.[1]

Andes
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Antioquia
Àirde 1360m
Teòthachd chuibheasach 21.2°
Co-chomharran 05º 39' 18" Tuath
75º 52' 45" Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 444 km²
Àireamh-shluaigh 41,591 (2002)
Dlùths 93.67/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a' Bhaile

Freumhan an Ainm

Chuir Pedro Restrepo Escobar an t-ainm San Juan de los Andes air a' bhaile ùr ann an 1852 oir 's e baile àrd anns na h-Andes a th'ann agus o chionns gu bheil e suidhichte ri taobh na h-aibhne San Juan, aig bun a' cnuic San Juan. [2] Le sin, tha an t-ainm a' ciallachadh Naomh Iain na h-Andes, bhon fhacal Spàinntis San/Santo (naomh)[3] agus an t-ainm pearsanta Juan (Iain).[4]

Sluagh a' bhaile

Tha 41,591 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach tha a’ mhòr-chuid dhuibh, 22,451 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[5] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[6] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail. Le sin, ‘s e pàtran àireimh-shluaigh traidiseanta a th’ann an Andes fhathast.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an Andes, ach tha 0.2% dhe Tùsanaich agus 1.6% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 83.9% dhe na daoine ann an Andes leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh aig ach 34.4% dhe na dachannan.[7]

Fèisean

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann an Andes. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[8] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s tha beairteas cultarail na dùthcha.

Daoine Ainmeil

Gonzalo Arango (1931 - 1976): Fear-aithris agus ùghdair. Stèidhiche a an Nadaismo.

Iomraidhean

  1. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category
  2. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category
  3. Real Academia de la Lengua
  4. Ainmean Spàinntich
  5. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  6. Colombia Virtual
  7. Bileag fhiosrachaidh DANE
  8. Country Studies: Colombia
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.