An t-Suain

Is e dùthaich ann an Lochlainn anns an Roinn-Eòrpa a tha anns an t-Suain.[1][2][3][4][5][6][7] Tha crìochan aige le Nirribhidh anns an iar agus le Suòmaidh anns an ear-thuath. Anns an iar tha a' Mhuir Baltach ann. Tha an t-Suain ceangailte ris an Danmhairg le drochaid ris an canar Öresundsbron. Tha an cuid as motha de na daoine (84%) a’ fuireach anns na bailtean mòra. Tha Stockholm na prìomh-bhaile.

Eachdraidh

Eadar 1397 agus 1523 bhuineadh an dùthaich dhan Aonadh Kalmar.[8] Chuireadh às do thràilleachd an seo ann an 1335.[9] Bha An t-Suain na pàirt Aonadh Nirribhidh agus An t-Suain gu ruige 1905.

Ged a tha an t-Suain neo-phàirteach gu eachdraidheil, rinn i còmhla ri Suòmaidh tagradh foirmeil airson ballrachd NATO ann an 2022 an dèidh dhan an Ruis a dh'ionnsaigh an Ucràin.[10]

Daoine ainmeil às an t-Suain

B’ e rannsaichear bith-eòlais às an t-Suain a bha ann an Carl Linnaeus. Tha e cliùiteach airson an t-siostam ainmeachaidh ris an canar tacsonamaidh. Rugadh Toomas Hendrik Ilves, ceann-suidhe Eastòinia, ann an Stockholm. Tha an cluicheadair ball-coise Henrik Larsson às an t-Suain. Bha e a' cluich anns an sgioba Celtic. 'S e sgrìobhadair ainmeil às an t-Suain a th' ann an Torgny Lindgren.

Seo cuid de na ceimigearan cudthromach:

Bailtean as Motha

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  3. Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0-903204-21-5
  4. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
  5. Am Faclair Gàidhlig-Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
  6. Dùthchannan aig SMO
  7. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  8. Sudsverige
  9. Police and public order in Europe, John Roach agus Jürgen Thomaneck, Taylor & Francis, 1985, ISBN19780709922421
  10. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 18mh dhen Chèitean 2022. Air a thogail 18mh dhen Chèitean 2022. 
  11. Geonames
Map na Suaine, a' sealltainn nam bailtean agus lochan mòra is nan rathaidean as cudthromaiche
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.