An Todhar

Is dòcha gu bheil sibh a' lorg Todhar.

An Todhar

An Todhar
Suidheachadh
An Todhar is located in Alba
An Todhar
An Todhar (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Ros an Ear
Co-chomharran 57° 32′ 19.63″ T
4° 19′ 58.25″ I
Comharradh-clèithe NH 604 524
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 64 (1961)
Còd-puist IV6 7

Is e baile beag ann an Ros an Ear a tha anns an Todhar (Beurla: Tore) [1][2]. A rèir Iain Mac an Tàilleir 's e "An Tòrr" an t-ainm a tha air a' bhaile[3] fad 's a tha Watson ag ainmeachadh "Tòrr"[4] agus "An Todhar"[5]. Tha am baile suidhichte air an Eilean Dubh mu 7 mìle iar-thuath air Inbhir Nis agus mu 5 mìle (8 km) ear-thuath air a' Bhlàr Dhubh.

Tha cearcall-rathaid mòr anns a' bhaile, far a bheil na rathaidean A832 agus A835 a' dealachadh bhon A9[6]. Tha e a' sgaradh a' bhaile le talla a' bhaile agus leis an sgoil air an dàrna taobh agus an stèisean-seirbheise air an taobh eile. Ann an 1961 bha 64 duine a' fuireach an seo[7].

Iomraidhean

  1. An Todhar/Tore”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2017.
  2. Stòr-dàta SMO
  3. Mac an Tàilleir, Iain (2003): Ainmean-Àite”, td. 113. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
  4. Watson, W.J. (2003): Placenames of Ross and Cromarty”, td. 118. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
  5. Watson, W.J. (2003): Placenames of Ross and Cromarty”, td. 143. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
  6. Tore Roundabout”. Gazetteer for Scotland. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.
  7. Tore (Beurla). Gazetteer for Scotland. Air a thogail 14mh dhen Ògmhios 2017.

Ceanglaichean a-mach

  • Tore Gazetteer for Scotland
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.