An Sròm Mòr
'S e baile beag air a' Ghàidhealtachd a th' ann An Sròm Mòr. Tha e suidhichte air bruach an iar-thuath Loch Carrainn mu 3.5 mìle san iar-dheas air Tòrr nan Clàr. Gus na 1970an bha seirbhisean aiseig a' dol eadar a' bhaile seo agus Port an t-Sròim.
Stromemore
Tha tobhta caisteil ann, "Strome Castle" a chaidh a thogail ann an 1472.[1] Bha e aig Clann Dhòmhnaill Ghlinne Garadh gus an chaidh a sgrios le Clann MhicChoinnich Chinn Tàile ann an 1602.[2] An-diugh chan eil ach ballachan briste rim faicinn. Bho 1939 a-mach tha e fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba.
Iomraidhean
- Coimisean Rìoghail nan Làraichean Àrsaidh is Eachdraidheil an Alba
- “Aiseag aig Port an t-Sròim”. Am Baile. Air a thogail 31.07. 2014.
Ceanglaichean a-mach
- Am Baile - Port an t-SròimTeamplaid:Fix/category
Dealbhan
- Strome Castle
- Ballaichean a' chaisteil
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.