An Ruis
'S e an dùthaich as motha san t-saoghal a tha san Ruis [1][2][3][4][5] neo Ruisia [6] (Beurla Russia ("Ruisia"); Ruiseis: Росси́я, eadar-litreachadh: Rossiya neo Rossija). 'S e "An Caidreachas Ruiseanach" gu h-oifigeil (Ruiseis: Росси́йская Федера́ция, eadar-litreachadh Rossiyskaya Federatsiya no Rossijskaja Federacija). 'S e Ruisis an cànan oifigeil, a bhruidhneas san dùthaich air fad. Cleachdar an Aibidil Cirilleach. Ach tha 27 cànanan oifigeil eile ann, tha sin a' crochadh air an roinn far a bheilear.
Eachdraidh
A-rèir beul-aithris chaidh an Ruis a stèidhicheadh ann an Kyiv leis na Lochlannaich anns an 9mh linn. Dh'fhàs an Ruis Crìostail anns an 10mh linn.
Lunn na Mongolaich, air an robh na Tartaraich, air an Ruis eadar 1237 is 1240. An dèidh sin, chaidh Mosgo am baile as cudromaiche le Ivan I na Ruise mar Phrionnsa Mòr. Fhuair Ivan III na Ruise buaidh air na Tartaraich aig Blàr na h-Ugra ann an 1480. Chaidh Ivan IV na Ruise na Ìmpire ann an 1547 is riaghlaich e le uabhas an dùthaich.
Riaghlaich na Romanovaich eadar 1613 nuair a chaidh Mìcheil Romanov a thaghadh mar Ìmpire is 1917. Stèidhich Peadar Mòr na Ruise Sankt Peterburg is ath-thogail e an eaglais, an t-seirbheis catharra, an t-arm is a' chabhlachd. Shabaidich an Ruis anns a' cho-bhanntachd an aghaidh Napoleon is na h-aonar an aghaidh Breatainne agus an Ìmpire Otomanach ann an Cogadh a' Chrimea, agus an aghaidh na Seapaine ann an 1904–1905. An dèidh sin bha rèabhlaid ann an 1905 is stèidhich Nikolai II pàrlamaid, an Duma, agus bun-reachd.
Bha an Ruis na pàirt dhen Aonadh Sobhiat eadar an rèabhlaid ann an 1917 anns an deach an stàit na phoblachd, agus 1991.[7]
Cruinn-eòlas
Tha an cuid as motha na dùthcha na laighe ann an Àisia, ach tha pàirt ann, a tha ceangailte leis an Roinn-Eòrpa.
Bhuannaich an Ruis na ranntairean a chaidh nan Eastònia agus An Laitbhe bhon Suain ann an 1721. Eadar 1772 is 1814 cheannsaich an Ruis Crimea, an Ucràin, A' Chairtbheil, A' Bhealaruis is Moldàibhia, agus meadhan Àisia ann an 1864/1865.[7] Cheannaich na Stàitean Aonaichte Alasca ann an 1867.[8] Chaill an Ruis Eastònia, an Laithbhe is Liotuàinia anns an rèabhlaid is chaidh na ranntairean eile nam poblachdan mar phàirt dhen Aonadh Sobhiat.[7]
Tha mòran aibhnichean ann an Ruis. Tha lochan mòra ann cuideachd:
- Loch Baikal
- Loch Ladoga
- Loch Onega
Seo liosta nam bailtean as motha na Ruise:[9]
- Mosgo
- Sankt Peterburg
- Novosibirsk
- Yekaterinburg
- Nizhny Novgorod
- Samara
- Omsk
- Kazan
- Khabarovsk
- Rostov na Donu
- Ufa
- Chelyabinsk
Tha 83 roinnean no cuspairean feadarail anns an Ruis, no 85 a rèir na Ruise fhèin air sgàth 's gu bheil an Ruis a' cunntadh Crimea is Sevastopol.[10]
Ainm | Prìomh-bhaile | Seòrsa | |
---|---|---|---|
![]() |
Amurskaya oblast | Amur | Roinn |
![]() |
Arkhangelskaya oblast | Arkhangelsk | Roinn |
![]() |
Astrakhanskaya oblast | Astrakhan | Roinn |
![]() |
Belgorodskaya oblast | Belgorod | Roinn |
![]() |
Bryanska oblast | Bryansk | Roinn |
![]() |
Chelyabinskaya oblast | Chelyabinsk | Roinn |
![]() |
Irkutskaya oblast | Irkutsk | Roinn |
![]() |
Ivanovskaya oblast | Ivanovo | Roinn |
![]() |
Kaliningradskaya oblast | Kaliningrad | Roinn |
![]() |
Kaluzhskaya oblast | Kaluga | Roinn |
![]() |
Kemerovskaya oblast | Kemerovo | Roinn |
![]() |
Kirovskaya oblast | Kirov | Roinn |
![]() |
Kostromskaya oblast | Kostroma | Roinn |
![]() |
Kurganskaya oblast | Kurgan | Roinn |
![]() |
Kurskaya oblast | Kursk | Roinn |
![]() |
Leningradskaya oblast | gu mi-oifigeil, Sankt Peterburg | Roinn |
![]() |
Lipetskaya oblast | Lipetsk | Roinn |
![]() |
Magadanskaya oblast | Magadan | Roinn |
![]() |
Moskovskaya oblast | Gu mi-oifigeil, Mosgo | Roinn |
![]() |
Murmanskaya oblast | Murmansk | Roinn |
![]() |
Nizhegorodskaya oblast | Nizhniy Novgorod | Roinn |
![]() |
Novgorodskaya oblast | Veliky Novgorod | Roinn |
![]() |
Novosibirskaya oblast | Novosibirsk | Roinn |
![]() |
Omskaya oblast | Omsk | Roinn |
![]() |
Orenburgskaya oblast | Orenburg | Roinn |
![]() |
Orlovskaya oblast | Oryol | Roinn |
![]() |
Penzenskaya oblast | Penza | Roinn |
![]() |
Rostovskaya oblast | Rostov na Donu | Roinn |
![]() |
Ryazanskaya oblast | Ryazan | Roinn |
![]() |
Sakhalinsskaya oblast | Yuzhno-Sakhalinsk | Roinn |
![]() |
Samarskaya oblast | Samara | Roinn |
![]() |
Saratovskaya oblast | Saratov | Roinn |
![]() |
Smolenskaya oblast | Smolensk | Roinn |
![]() |
Sverdlovskaya oblast | Yekaterinburg | Roinn |
![]() |
Tambovskaya oblast | Tambov | Roinn |
![]() |
Tomskaya oblast | Tomsk | Roinn |
![]() |
Tulskaya oblast | Tula | Roinn |
![]() |
Tverskaya oblast | Tver | Roinn |
![]() |
Tyumenskaya oblast | Tyumen | Roinn |
![]() |
Ulyanovskaya oblast | Ulyanovsk | Roinn |
![]() |
Vladimirskaya oblast | Vladimir | Roinn |
![]() |
Volgogradskaya oblast | Volgograd | Roinn |
![]() |
Vologdskaya oblast | Vologda | Roinn |
![]() |
Voronezhskaya oblast | Voronezh | Roinn |
![]() |
Yaroslavskaya oblast | Yaroslavl | Roinn |
![]() |
Adygea | Maykop | Poblachd |
![]() |
Altai | Gorno-Altaysk | Poblachd |
![]() |
Bashkortostan | Ufa | Poblachd |
![]() |
Buryatia | Ulan-Ude | Poblachd |
![]() |
Chechnya | Grozny | Poblachd |
![]() |
Chuvashia | Cheboksary | Poblachd |
![]() |
Dagestan | Makhachkala | Poblachd |
![]() |
Ingushetia | Magas | Poblachd |
![]() |
Kabardino-Bakaria | Nal'chik | Poblachd |
![]() |
Kalmykia | Elista | Poblachd |
![]() |
Karachay-Cherkessia | Cherkessk | Poblachd |
![]() |
Karelia | Petrozavodsk | Poblachd |
![]() |
Khakassia | Abakan | Poblachd |
![]() |
Komi | Syktyvkar | Poblachd |
![]() |
Mari-El | Yoshkar-Ola | Poblachd |
![]() |
Mordoviya | Saransk | Poblachd |
![]() |
Sakha | Yakutsk | Poblachd |
![]() |
Osàidea a Tuath | Vladikavkaz | Poblachd |
![]() |
Tatarstan | Kazan | Poblachd |
![]() |
Tuva | Kyzyl | Poblachd |
![]() |
Udmurtiya | Izhevsk | Poblachd |
![]() |
Ranntair Altayskiy | Barnaul | Ranntair |
![]() |
Ranntair Kamchatskiy | Petropavlovsk- Kamchatskiy | Ranntair |
![]() |
Ranntair Khabarovskiy | Khabarovsk | Ranntair |
![]() |
Ranntair Krasnoyarskiy | Krasnoyarsk | Ranntair |
![]() |
Ranntair Permskiy | Perm' | Ranntair |
![]() |
Ranntair Primorskiy | Vladivostok | Ranntair |
![]() |
Ranntair Stavropolsky | Stavropol' | Ranntair |
![]() |
Ranntair Zabaykal'skiy | Chita | Ranntair |
![]() |
Okrug fèin-riaghlaidh Chukotsky | Anadyr' | Okrug fèin-riaghlaidh |
![]() |
Okrug fèin-riaghlaidh Khanty-Mantsiysky | Khanty-Mantsiysk | Okrug fèin-riaghlaidh |
![]() |
Okrug fèin-riaghlaidh Nenetskiy | Nar'yan-Mar | Okrug fèin-riaghlaidh |
![]() |
Okrug fèin-riaghlaidh Yamalo-Nenetskiy | Salekhard | Okrug fèin-riaghlaidh |
![]() |
Mosgo | Mosgo | Baile |
![]() |
Sankt Peterburg | Sankt Peterburg | Baile |
![]() |
Oblast fèin-riaghlaidh Iùdhach | Birobidzhan | Oblast fèin-riaghlaidh |
Daoine ainmeil
Faic cuideachd
Iomraidhean
- Am Faclair Beag
- Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- Dùthchannan ag SMO
- An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse, duilleag 390.
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
- “Russia profile - timeline”. BBC. Air a thogail 17mh dhen Chèitean 2022.
- “Purchase of Alaska, 1867”. Roinn na Stàite, Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte. Air a thogail 25mh dhen Chèitean 2022.
- Mongabay
- “Administrative Divisions of Russia”. Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Air a thogail 26mh dhen Chèitean 2022.