An Ruadh-Ghleann (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)
'S e sgìre Phàrlamaid na h-Alba a tha anns An Ruadh-Ghleann (Beurla: Rutherglen).[1]
An Ruadh-Ghleann | |
---|---|
Dùthaich | Alba |
Pàrlamaid | Taigh an Ròid |
Ball | Clare Haughey BPA |
Pàrtaidh | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
Mòr-chuid | 5,166 |
Tha i suidhichte air bruach a deas na h-Aibhne Chluaidh is tha An Ruadh-Ghleann fhèin, Camas Lang is Blantaidhr san sgìre seo[2] is bidh na luchd-taghaidh a' bhòtadh airson roinn Glaschu cuideachd.
Eachdraidh
Chaidh a cruthachadh mar Ghlaschu an Ruadh-Ghleann ann an 1999 le crìochan na sgìre Westminster ach chaidh iad atharrachadh ann an 2011. Bha na Làbaraich Janis Hughes is James Kelly na ciad is an dàrna BhPA air a son is bhuannaich an Nàiseantach Clare Haughey an sgìre ann an 2016.
Taghadh | BPA | Pàrtaidh | Mòr-chuid |
---|---|---|---|
2021[3] | Clare Haughey | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba | 5166 |
Iomraidhean
- “Gaelic constituency and region names”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 26mh dhen t-Samhain 2017 (pdf).
- “Recommended Scottish Parliament constituencies: Rutherglen Burgh Constituency”. Coimisean Crìochan na h-Alba. Air a thogail 27mh dhen Chèitean 2018 (pdf).
- “Rutherglen - Scottish Parliament constituency”, BBC News. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2021.
Buill Pàrlamaid na h-Alba airson Glaschu
Buill sgìreil | Bob Doris (Glaschu Cnoc Màiri agus Allt an Fhuarain) • Seumas Ó Dornáin (Glaschu Cathcart) • Clare Haughey (An Ruadh-Ghleann) • Bill Kidd (Glaschu Fearann Anna) • Iain Mason (Glaschu Baile Nighean Sheadna) • Ivan McKee (Glaschu Provan) • Nicola Sturgeon (Glaschu Taobh a Deas) • Kaukab Stewart (Glaschu Ceilbhinn) • Humza Yousaf (Glaschu Pollaig) |
Buill liosta | Patrick Harvie • Paul Sweeney • Pam Duncan-Glancy • Pauline McNeill • Anas Sarwar • Sandesh Gulhane • Annie Wells |
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.