An Iapan
'S e dùthaich eileanach a th' ann an Iapan[1][2] (Iapanais: 日本 Nihon no Nippon, 日本国 Nihon-koku no Nippon-koku gu h-oifigeil; uaireannan an t-Seapan[3] sa Ghàidhlig) suidhichte far oirthir Àisia an Ear. Tha na prìomh eileanan - Hokkaidō, Honshū, Shikoku, Kyūshū agus Okinawa - am measg tuilleadh air 6,800 eileanan eile, ach tha 97% de fharsaingeachd na talmhainn gu lèir gan cumail dhaibh fhèin. Tha a' chuid as motha dhiubh beanntach, agus mòran dhiubh bholcànach; m.e, 's e beinn-theine a th' anns a' mhullach as àirde, Beinn Fuji. Tha an Iapan an ear air Sìona, Coirea 's an Ruis anns a' Chuan Sèimh, a' sìneadh bho Muir Okhotsk san taobh a tuath gu Am Muir Sìneach an Ear san taobh a deas. A thaobh àireamh-shluaigh, 's i an deicheamh dhùthaich as motha anns a' chruinne, le mu 128 millean daoine. 'S e Sgìre Mhòr Tokyo an sgìre àrd-bhailteach as motha air an t-saoghail le tuilleadh air 30 millean luchd-còmhnaidh ann, agus tha seo a' gabhail a-steach prìomh-bhaile Thokyo agus cuid de na sgìrean mun chuairt air.
日本国 Nippon-koku / Nihon-koku An Iapan/An t-Seapan | |
---|---|
Bratach |
Seula ìmpireil |
Laoidh Nàiseanta | |
Kimi ga Yo Rìoghachadh Ìmpireil | |
Cànan(an) oifigeil | Iapanais |
Prìomh-bhaile | Tokyo |
Baile as motha | Tokyo |
Riaghaltas | Monarcachd bun-reachdail pàrlamaideach |
Ìompaire | HIM Ìompaire Naruhito (徳仁) |
Prìomh-mhinistear | Fumio Kishida (岸田 文雄) |
Stèidheachadh | |
Latha Bun-stèidheachaidh Nàiseanta | 11 an Gearran 660 RC |
Bonn-stèidh Meiji | 1890 |
Bonn-stèidh Làithreach | 1947 |
Cumhnant Shan Francisco | 1952 |
Farsaingeachd | |
Iomlan | 377,975 km² (61) |
Uisge | 1.4 % |
Àireamh-shluaigh (2020) | |
Iomlan | 126,226,568 (11) |
Dlùths | 334/km² (48mh) |
Roinn tìde | JST (UTC+9) |
Ruith-airgid | Yen |
Prìomh àrainn-lìn | .jp |
Còd Àireamh fòn | 81 |
Cultar
'S e "tùs-grèine" brìgh nan litrichean ann an ainm na dùthcha, 's mar sin dheth, dh'aithnichear an t-Seapan mar "Tìr Èirigh na Grèine". Tha 日 a' ciallachadh Grian, agus 's e Tùs no Freumh a' bhrìgh a th' air 本。
Bhon a tha an Iapan fada gu leòr bho thìr-mòr Àisia, gun a bhith ro fhada air falbh, fhuair i buannachdan às cultar an tìr-mòr, ach cha deach amaladh ann am buaireasan a' mhòr-thìr cho tric rè nan linntean. Bha e an comas dhith buaidhean chultarach à tìrean cèin a dhèanamh freagarrach dhan chultar aice fhèin 's an uairsin gan aonadh ri a leasachaidh. Gheibhear eisimpleirean dhen seo a thaobh biadh na dùthcha, leithid Tempura, le buinteanas ris a' Phortagail. A thaobh litreachais, chaidh an làmh-sgrìobhaidh Iapanach, Kana, a chruthachadh às na litrichean iol-fhillte Sìonach. A thaobh chreideimh, 's ann a bha Buddhachd air atharrachadh nuair a chaidh a thoirt a-steach san t-siathamh linn. Cha do sgaoil e measg an t-sluaigh gus an do nochd Hōnen agus Shinran, an fheadhainn a stèidhich an dream Jōdo 's an dream Jōdo Shin.[4]
Eu-coltach ri mòran dùthchannan eile, thathas ag ràdh gur e dùthaich gu ìre mhòr aon-ghnèitheach a th' san Iapan. Leis a' sin, thathar a' cumail a-mach nach eil mòran caochladh ann an cultar na dùthcha bho sgìre gu sgìre. Chan e a-mhàin gur e àireamh mhòr de dhaoine, a' fuireach gu dlùth air farsaingeachd bheag de thalamh is adhbhar dha sin, ach gu robh an sluagh riamh beò fad linntean fo riaghladh meadhanaichte, a bhiodh a' stiùireadh a h-uile roinn de bheatha an t-sluaigh gu mionaideach mìn. [4]
A dh'aindeoin sin, cha ghabh fhàgail air nach e cultar mòr saoibhir a th' ann an cultar na h-Iapain. Tha e ioma-fhillteach, air a dhèanamh air sean is ùr, le deagh mheasgachadh de nithean cèin is dùthchasach an cois. 'S e coimeasgachadh eileamaidean Iapanach agus Siarach a th' anns na trì rudan riatanach - biadh, aodach agus fasgadh. Tha na h-Iapanaich a' cleachdadh deas-ghnàthan à Buddhachd 's Shintō còmhla, agus tha tuilleadh air dàrna leth na h-Iapanais air a dhèanamh à faclan freumhaich Sìonach. Thathar am beachd gur e an ùidh a th' aig an sluagh Iapanach ann an cultaran eile agus an seòl a bh' aca rè nan eachdraidh eileamaidean cultarach cèin a thoirt a-steach, gun an cùl a chur air cleachdaidhean is traidiseanan dùthchasach as adhbhar don ghnè ioma-fhillteach seo.
Eòlas-sluaigh
Tha an àireamh-shluaigh aig mu 127,700,000 daoine, agus tha mu 98.2% a' bruidhinn Iapanais mar chainnt mhàthaireil. Tha an còrr a' buntainn do dh'iomadh dhùthaich, an cuid as motha do Choirèa (700,000) agus do Shìona (350,000). Gheibhear cuideachd sluaghan à Bhiet-Nam, à Braisil , na Stàitean Aonaichte (85,000), an Roinn-Eòrpa (45,000) agus am mion-shluagh dùthchasail a bhuineas do Hokkaidō, agus Honshū a Tuath, na h-Ainu (mu 30,000).
Tha mu 70% dhen t-sluaigh a' fuireach anns a' cheàrn eadar Tōkyo agus Kitakyūshū, ann an eilean Honshū. 'S e A' Bheilg agus Na Tìrean Ìsle far a gheibhear an dlùths àireamh-shluaigh as àirde gu lèir, ach 's e an Iapan far am faighear an dlùths as àirde a-rèir farsaingeachd talmhainn air an gabh còmhnaidh.[4]
Sgìrean na h-Iapain
|
|
|
Sgrìobhaidhean mu a dèidhinn sa Ghàidhlig
- Sgeulachd cloinne Iapanach: Comain na corra-ghrithich air eadar-theangachadh bhon Iapanais le Steaphan MacRisnidh aig Dàna (Gàidhlig)
Iomraidhean
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Gaelic Orthographic Conventions 2005 dt. 8
- Colin Mark: Am Faclair Gàidhlig-Beurla (2004)
- Japan As It Is/日本タテヨコ;Ceathramh Eagran Dà-chànanach, foillsichte le Gakken