An Ear-thuath a Deas
Ged a tha Albais ga bruidhinn ann an Siorrachd Aonghais agus anns a' Mhaoirne fhathast, tha i air a lagachadh gu mòr.
Ann an Siorrachd Aonghais, tha a' chainnt ag atharrachadh gu mòr eadar Farfar is Breichin no Mon Ròs agus Obar Bhrothaig.
Cainnt Obar Bhrothaig[1]
Ged nach e sgìre mhòr a th' ann an Aonghas, tha diofaran gu leòr ann an cainnt Obar Bhrothaig an coimeas ri cainntean eile ann an Siorrachd Aonghais.
Fuaimneachadh
Tha Obar Bhrothaig suidhichte air a' chrìoch sa bheil am fuaim "wh" ag atharrachadh chun fhuaim "f" Bhùchainneach, agus cluinnear an dà fhuaim uaireannan ann an cuid de dh'fhaclan mar na leanas seo.
- dè: "whut" no "fut" no "fat"
- cuin: "fan" no "fin" no uaireannan "hin"
- cò: "wha" no "fa"
- càite: "whar" no "far"
- carson: "hoo" no "foo"
- ciamar, mar an ceudna: "hoo" no "foo"
Tha an litir "r" ag atharrachadh air uairean agus i a' gabhail àite na fuaimreig a tha roimhpe no a tha ga leantainn, mar eisimpleir: "brunt" (loisgte), "krib" (cirb-cabhsair), "cruds" (gruth), "kirsen" (baist), "girsel" (brisgean), "scart" (sgròb) no "warsle" (gleac).
Thathar ag ràdh "ng" nam faclan "anger", "finger", "hunger", "single" mar a tha "singer" ga fhuaimneachadh.
Ro na 1990an, bhiodh an ginealach a bu shine sa bhaile a' cur "t" ri cuid a dh'fhaclan, mar a tha "wisht" air "wish" agus "clifft" air "cliff".
- Gray, Walter (1992): “Chapter One, Pronunciation”, Parliamo Aberbrothock. ISBN 0-900454-09-1.