An Danmhairg
'S e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa a tha ann an Danmhairg[1][2][3][4][5] neo an Danmhairc[6][7], ainm oifigeil: Rìoghachd na Danmhairg (Danmhairgis: Kongeriget Danmark). 'S i an dùthaich as lugha 's as deasaiche de na Dùthchannan Lochlannach, is 's i ball den Aonadh Eòrpaich . Tha i suidhichte 'san Lochlainn, a tha 'san tuath na Roinn-Eòrpa, ach chan eil i air a' cheann-tìre na Lochlainn. Tha a' Ghearmailt deas air an Danmhairg. Tha Copenhagen na prìomh-bhaile. Tha na h-Eileanan Fàro nan ceàrn fhèin riaghlach ann an Rìoghachd na Danmhairg. Tha iad suidhichte anns a' Chuan Siar eadar Nirribhidh agus Innis Tìle. 'S e dathaich fhèin-riaghladh ann an Rìoghachd na Danmhairge a tha anns a' Ghraonlainn.
Eachdraidh
Eadar 1397 agus 1523 bhuineadh an dùthaich dhan Aonadh Kalmar.[8] Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn. Chaidh an sreath telebhisein 1864 fhilmeadh anns an Danmhairg, mun Dàrna Cogadh Schlwesig ann an 1864.
Bailtean as Motha
Seo liosta na deich bailtean as motha na dùthcha a leanas:[9]
- Copenhagen
- Århus
- Odense
- Aalborg
- Esbjerg
- Randers
- Kolding
- Horsens
- Vejle
- Roskilde
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
- Am Faclair Beag
- Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
- Am Faclair Gàidhlig - Beurla, Colin Mark, foillsichte aig Routledge, Lunnainn (2004), ISBN 0-415-29761-3
- Cothrom Ionnsachaidh, Ronald Black, ISBN 0-906981-33-6
- Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
- Brìgh nam Facal, Faclair Ùr don Bhun-sgoil (deas. Cox, Richard A.V.) - ISBN 0-903204-21-5
- Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1
- Sudsverige
- City Population