An Abaid Ùr
'S e baile ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh (seann Shiorrachd Chille Chùithbeirt)[1] a th' anns An Abaid Ùr (Beurla: New Abbey).[2] Tha e suidhichte aig 36m os cionn ìre na mara,[3] san roinn Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh mu 13km an iar-dheas air Dùn Phrìs. Tha a' bheinn Criffel (570 m a dh' àirde) mu 4km air falbh. Ann an 2011 bha 620 duine a' fuireach an seo.[4] 'S ann anns a' bhaile seo 's a chithear tobhtaichean abaid ris an canar Cridhe Mìlis air neo Sweetheart Abbey sa Bheurla.[5]
An Abaid Ùr | |
Suidheachadh | |
An Abaid Ùr (Alba) | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh |
Siorrachd | Siorrachd Chille Chùithbeirt ro 1975 |
Co-chomharran | 54° 58′ 48″ Tuath 3° 37′ 10″ Iar |
Comharradh-clèithe | NX964662 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 620 (2011) |
Àireamh fòn | 01387 |
Duilleag oifigeil | Duilleag a' Bhaile |
Eachdraidh
Tha crannag ann am meadhan Loch Kindar, dìreach ro taobh a' bhaile fhèin,[6] air a thogadh o chionn còrr is mìle bliadhna. Chaidh abaid Cisteirseach a thogail ann an 1273 le Leadaidh Devorgilla nuair a chaochail an duine aice, John Balliol. Chuir na manaich an t-ainm "dulce cor" ris an abaid ach, leis gu robh abaid eile ann mar-thà faisg air làimh ann an Dùn Droighnein, b' e An Abaid Ùr a chuireadh oirre.[7] Chaidh an abaid a dhùnadh ann an 1624.[8] B' àbhaist dhan pheantair Francis Cadell (1883 - 1937) chèilidh air an Taigh Shambellie, a bha leis a chuid chairdean na Stiùbhartaich.[9] An latha an-diugh 's ann fo urras 's a tha Taigh Shambellie, a tha ga leasachadh mar ionad foghlaim airson turasachd a bhrosnachadh san sgìre.[10]
Iomraidhean
- History Scotland
- “Stòr-dàta Briathrachais”. Sabhal Mòr Ostaig. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
- Meteo Consult
- “New Abbey”. Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
- “New Abbey, Sweetheart Abbey”. Canmore. Air a thogail 30mh dhen Ghiblean 2017.
- Canmore
- Visit Scotland
- New Advent
- Kirkcudbright Galleries
- Shambellie House Trust
An Abaid Ùr • Achadh nan Càrn • Àrd an Grèidh • Àrd na Coille • Ath Crogaid • Baile Ghill-Iosa • Baile Labhrainn • Baile Mhic Aoidh • Baile MhicIllFhaolain • Bàrr a' Ghrianain • Beeswing • Borgh • Caisteal Dhùghlais • Càrn an Uaimh • An Ceap • Cille Bheathain • Cille Chùithbeirt • Cill Fhinnein • Cille Phàdraig Durham • Clachan Eòin • An Còrsa Feàrna • Corsaig • Crois Mhìcheil • Cùl a' Bheinn • Dail Beithich • Dùn Droighnein • Gall-Ghàidhealaibh Nuadh • Garradh na h-Aibhne • Gleann Lochair • Gleann an t-Sruthail • Haugh of Urr • Lochfoot • Am Mòine Naomh • Muine Gobha • Parton • Palnackie • Port Aiseig a' Chrìch • Ringford • Rhonehouse • Springholm • Taigh an Rathaid • Tìr na h-Eaglaise • Tongland • Twynholm