Amisfield

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Dùn Phrìs, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th’ ann an Amisfield. Tha e suidhichte aig 78m os cionn ìre na mara,[1] ann an ceann a tuath Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Dhùn Phrìs ro 1975), eadar Dùn Phrìs agus Parkgate, ri taobh an Uillt Amisfield.[2] Tha e 243km air falbh bho Obar Dheathain, 93km bho Ghlaschu, 25km bho Inbhir Anainn agus 95km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla agus Beurla Ghallda th' ann an dà chànan aig a’ mhòr-chuid dhuibh ann an Amisfield. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas, coilltearachd agus dreuchdan ann an Dùn Phrìs. A bharrachd air sin, tha àite fuireach ann.[4] Taobh fhoghlaim, tha bun sgoil ann,[5] ach feumar a dhol dhan àrd sgoil ann an Dùn Phrìs.

Amisfield

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 55° 07′ 12″ Tuath
03° 33′ 36″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01387

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha a h-uile coltas ann gur ann à Lochlannais hempr (còrcach) agus feld (achadh) a tha an t-ainm,[6] a' toirt dhuinn Achadh na Còrcaich anns a' Ghàidhlig. 'S ann gu math pailt 's a tha ainmean-àite Lochlannach ann an iar-dheis na h-Alba,[7] gu h-àraidh nas fhaisge air a' Mhuir.

Eachdraidh

Tha Dùn Ceilteach ann, air a bheil Barr's Hill an latha an-diugh.[8] Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1175 mar Hempisfield. Chaidh tùr dìona a thogail an seo san 12mh Linn leis an teaghlach Charteris.[9] 'S e Tòrmodaich a bh' annta. Leasachadh an Tùr mu 1600.[10] Tha am parraist seo, air an robh Tinwald, am broinn parraist Cille Mhìcheil, Tinwald agus Torthorwald a-nis.[11] Thogadh loidhne-rèile tron bhaile ann an 1863 ach dhùnadh an stèisean ann an 1952.[12] A-rèir carragh-chuimhne sa bhaile, fhuair 20 às an sgìre bàs sa Chogadh Mòr[13] agus dithis eile san Dàrna Cogadh.

Còmhdhail

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha dà sheirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

Iomraidhean

  1. Falling Rain
  2. Explore
  3. Distance From
  4. The Granary
  5. A' ChomhairleTeamplaid:Fix/category
  6. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  7. Ordanance Survey
  8. Cast
  9. Scottish Places
  10. Scotland's Castles, Hubert Fenwick, Robert Hale Ltd, 1976.
  11. KTT
  12. Butt, R. V. J. (1995). The Directory of Railway Stations: details every public and private passenger station, halt, platform and stopping place, past and present (1st ed.). Sparkford: Patrick Stephens Ltd. ISBN 1-8526-0508-1. OCLC 60251199
  13. Scottish War Memorials Project
  14. Còmhdhail na Comhairle
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.