Am Magh Crom

‘S e baile beag dùthchasail faisg air Baile na h-Ùige, air an àirde an iar-dheas na h-Alba a th' anns A' Mhagh Chrom (Beurla/Beurla Ghallta: Mochrum). Tha e suidhichte aig 32m os cionn ìre na mara,[3] air Leth-eilean na Machrach, air an àirde an iar Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Bhaile na h-Ùige ro 1975), eadar Barrachan agus Cill na Tràghad. Tha e 306km air falbh bho Obar Dheathain, 122km bho Ghlaschu, 69km bho Dhùn Phris agus 156km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[4] 'S e Beurla agus Beurla Ghallta a th' aig a’ mhòr-chuid dhiubh anns A' Mhagh Chrom. Tha eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air àiteachas agus turasachd. Taobh fhoghlaim, chan eil sgoil ann agus le sin feumar a dhol bhun-sgoil ann am Port Uilleim[5] agus dhan àrd-sgoil ann am Baile Ùr nan Stiùbhartach.[6]

Am Magh Crom

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Siorrachd Siorrachd Bhaile na h-Ùige
Parraist Am Magh Crom fhèin[1]
Co-chomharran 54° 46′ 60″ Tuath
04° 34′ 00″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01988
Còd-puist DG8[2]

Freumhan an Ainm

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à magh agus crom anns a' Ghàidhlig fhèin a th' ann ainm a' bhaile.[7] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Bhaile na h-Ùige fhèin anns an 18mh Linn.[8] A bharrachd air sin, tha cruth na tìre a' toirt cuideam dhan teòiridh seo.

Eachdraidh

Chaidh Am Magh Crom a chlàradh ann an 1341 mar Mochrome.

Poileataigs

'S ann gu Comhairle Choimhearsnachd Chille na Tràghad a bhuineas Am Magh Crom, a ghabhas a-steach Barrachan, Cill na Tràghad, An Eilreig agus Am Monadh Rèidh cuideachd. Tha 885 duine a' fuireach san sgìre air fad.[9] Tha 18 comhairlichean coimhearsnachd a' riochdachadh na sgìre agus thathar a' cumail coinneamhan na Comhairle gach mìos ann an Talla MhicShuail ann an Cill na Tràghad. Tha e a' buntainn dhan uàrd-taghaidh 02 (Wigtown an Iar) airson Comhairle na Roinne.[10]

Còmhdhail

Chan eil seirbheis rèile ann. A dh'aindeoin sin, tha seirbheis bhus a' frithealadh a' bhaile:

  • 415 Baile Ùr nan Stiùbhartach - Machair.[11]

Iomraidhean

  1. Arcgis
  2. Post Code Maps
  3. Falling Rain
  4. Luftlinie
  5. A' Chomhairle
  6. Douglas Ewart High SchoolTeamplaid:Fix/category
  7. The Placenmes of Scotland, James B. Johnston, Dùn Èideann 1892
  8. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  9. A' Chomhairle
  10. Dumfries and Galloway Wards 2007”. Local Government Boundary Commission for Scotland. Air a thogail 29mh dhen Ghiblean 2017.
  11. Còmhdhail na Comhairle
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.