Almere
'S e baile mòr, port[2] agus sgìreachd (Duitsis: gemeente) faisg air Lelystad, ann an cridhe nan Tìrean Ìsle a th' ann an Almere (IPA: ɑɫ.ˈmɪː.rə). Tha e suidhichte aig leth mheatair os cionn ìre na mara,[3] anns an roinn (Duitsis: provincie) Flevoland, 22km air falbh bho Amsterdam (prìomh-bhaile na dùthcha), 71km bho Rotterdam, 70km bho Den Haag, 91km bho Tilburg agus 32km bho Utrecht.[4]
Almere
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 52° 22 00' Tuath 05° 13 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 248.77 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 193,303 (2012) | ||||
Dlùths | 777.04/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 31) 036[1] | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
Chaidh Almere a chruthachadh fad na 70an agus chaidh a' chiad taigh a thogail ann an 1976. Tha 193,303 duine a' fuireach ann.[5] A bharrachd air sin, 's e am baile as motha anns an roinn Flevoland a th' ann an Almere.
Daoine Ainmeil
- Yfke Sturm (1981): Modal
Bailtean Co-cheangailte
Aaborg[6]
České Budějovice
Haapsalu
Kumasi
Lancaster
Milton Keynes
Rendsburg
Växjö
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.