Alba
'S e dùthaich suidhichte ann an taobh tuath Bhreatainn a th' ann an Alba (Beurla is Beurla Ghallda: Scotland). Bha i na rìoghachd neo-eisimeileach gus an 18mh linn nuair a dh'aonaich Alba agus Sasainn airson Rìoghachd Bhreatainn Mòr a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1707. Anns a' bhliadhna 1801 dh'aonaich Rìoghachd Bhreatainn Mòr le Rìoghachd na h-Èireann airson an Rìoghachd Aonaichte a chruthachadh. Ann an 1999, chaidh Pàrlamaid na h-Alba a' chur air bhonn, far am bithear a' dèiligeadh ri gnothaichean poilitigeach a tha a' buntainn do dh' Alba a-mhàin. Tha Lagh na h-Alba gu math eadar-dhealaichte bhon Lagh ann an Sasainn.
Bailtean mòra
Seo liosta dhe na bailtean as motha ann an Alba:[1]
Cruinn-eòlas
Tha Alba suidhichte ann an ceann a tuath eilean Bhreatainn, agus "s e a" chrìoch le Sasainn taobh a deas na dùthcha. A bharrachd air tìr-mòr, tha na ceudan de dh' eileanan – leithid Sealtainn, Arcaibh (Na h-Eileanan a Tuath) agus Na h-Eileanan an Iar air an gabhail a-steach san rìoghachd. Tha tìr-mòr na h-Alba air a roinn ann an trì pàirtean chudthromach: a' Ghàidhealtachd, a' Ghalldachd agus na Monaidhean a Deas. Tha a’ chuid as motha den t-sluagh a' fuireach sa Ghalldachd Mheadhanaich – no Meadhan na h-Alba, far am faighear na bailtean as motha ; Glaschu agus am prìomh-bhaile Dùn Èideann.
Eòlas-talmhainn
Nuair a thachair mòirneasachd ann an Lodainn an Ear, o chionn 350 muillean bhliadhna, bha a' phàirt de Rùsg na Talmhainn air am bheil Bhreatainn suidhichte faisg air Crios na Cruinne agus bha e na roinn de proto-Tir-Mòr a tha aithnichte dhuinn leis an ainm Pangaea. Tro linntean fada chaidh co-ghluasad eadar roinnean den rùsg, aithnichte dhuinn mar clàran thìr-mòr, agus thachair sgleog leis tìr-mòr Gondwana.
Cha tàinig na pàirtean mu thuath agus mu dheas na Breatainn teannta, no còmhla, gu 75 muillean bliadhnan roimh toiseach na Bholcanas ann an Lodainn an Ear. Bha Alba agus pàirt de cheann a tuath na Sasainn nam pàirt de thìr-mòr Laurentian ro -làimh, far an robh Aimearaga mu Thuath agus a’ Ghraonlainn. Aig a h-aon àm, bha an dara leth de 'n Bhreatainn torr nas fhada (mu 40° de domhainn leud) do 'n dheas, faisg air Afraga agus Aimearaga mu Dheas ann an tìr-mòr de Gondwana.
Eachdraidh
Ri linn nan Ròmanach
Anns a' bhliadhna 80 A. D. bha uachdaran Ròmanach a' riaghladh ceann a deas Bhreatainn dom b' ainm Agricola, a smaoinich air an eilean gu h-iomlan a thoirt fo chìs do na Ròmanaich. Leis an rùn sin chuir e air a' bhliadhna ud aghaidh gu tuath air ceann an airm. Bha sin 135 bliadhna an dèidh dhaibh sealbh a ghabhail air ceann a deas an eilein. Ghabh e air adhart le cruaidh iomairt, gus an ceann thrì bliadhna (trì campachaidhean mar a theireadh iadsan), an do cheannsaich e an tìr gu iomall a deas ann an àite den dùthaich ris an abrar a-nis a' Ghàidhealtachd. 'S e sin an t-àite as cuinge den eilean gu h-iomlan. Chan eil ach 35 mìle eadar ceann na Friù agus taobh Abhainn Chluaidh. Thog Agricola sreath dhaingnichean bho mhuir gu muir an siud anns am bheil mu 36 mìle air fad mar chrìoch eadar roinn na Ròimhe agus Tìr nan Cailleannach no Caledonia mar a bh' aca oirre. Ghoirteadh Gàradh Antoninus ris, oir b' e siud ainm an Ìmpire a bh' ann nuair a thogadh e. Bha e fichead troigh air àirde, 's ceithir troighean fichead air tiughad, 's dìg leathann, dhomhainn, air a cladhach ri a aghaidh. Bha rathad leathann airson nan saighdearan a' ruith air a thaobh deas bho cheann gu ceann; 's bha daingnichean air an togail o cheann gu ceann dheth, an uidhe dhà mhìle bho chèile. Cha robh siud a' cumail muinntir nam beann bho bhith an-dràsta 's a-rithist a' toirt ionnsaigh air a' bhalla, 's orra-san a bha ga dhìon. Thug Gnothach Dharien droch bhuaidh air an dùthaich.
Alba ùr-nodha
Tha sia bailtean mòra ann an Alba:
- Glaschu;
- Dùn Èideann, prìomh-bhaile;
- Obar Dheathain;
- Dùn Dèagh;
- Inbhir Nis;
- Peairt.
Foghlam ann an Alba
Tha còig Oilthighean aosmhor Albannach ann. 'Siad:
Tha trì oilthighean deug ann an Alba gu lèir.
Na meadhanan
Tha pàipearan-naidheachd iomadaidh ann an Alba. Tha An Herald, an Daily Record agus The National suidhichte ann an Glaschu agus tha an t-Albannach suidhichte ann an Dùn Èideann.
Ceanglaichean a-mach
- Riaghaltas na h-Alba
- Bodachan a' Gharaidh (14mh dhen t-Samhain 1896): “Litir a Alba,” ann an: Mac-Talla, àir. 5, td. 137. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2023.
Iomraidhean
Dùthchannan | Alba • A' Chòrn • A' Chuimrigh • Èirinn • A' Bhreatainn Bheag • Manainn |
Cànanan eileanach | Gàidhlig • Còrnais • Cuimris • Gàidhlig na h-Èireann • Breatannais • Gàidhlig Mhanainn • †Seann-Ghàidhlig |
Cànanan mòr-thireach | †Ceilt-Ìbeiris • †Galatais • †Gallaicis • †Gallais • †Leapontais • †Nòraicis |
Cuspairean eadar-Cheilteach | Uile-cheilteachd • An Comann Eadar-Cheilteach • A' Chòmhdhail Cheilteach • Celtic Connections • Festival Interceltique de Lorient |