Aiseag

'S e ionad a tha ann an aiseag far am bith bàta a' giùlain daoine, càraichean, beathaichean is nithean eile, thairis air abhainn, no cuan cumhang. Chanar “bàta-aiseig” ri bàta sònraichte ri aiseag. Rè na deicheadan deireannach den 20mh linn, chuireadh bàtaichean an gnìomh a thoirt seirbhis do na h-eileanan Albannaich a tha ruith (mar a tha aiseag) eadar dà phort a-mhàin (mar eisimpleir Ulapul agus Steòrnabhagh) cleachdar na facail "aiseag" agus "bàt-aiseig" airson na seirbhisean seo cuideachd.

An Star Ferry ann an Hong Kong.

Ann an Alba, air sgath gu bheil ceudan de dh' eileanan ann, agus caolas gu leòr, tha mòran aiseagan ann, m.e. air Sruth na Maoile eadar Alba is Èirinn, eadar na h-Innse Gall, Arcaibh, Sealltainn agus/neo mòr-thir na h-Alba, agus eadar Alba is Na Tìrean Ìsle (Ros Saidhe is Zeebrugge ⁊c. B' àbhaist dha aiseag a dhol eadar Àrd Rosain is Dùghlais an Eilean Mhanainn.

Gheibhear aiseagan ainmeil eadar Sasainn-a-deas agus an Fhraing (neo Breatainn Bheag), Eilean-a-Tuath is Eilean-a-Deas ann an Sealainn Nuadh, eadar Kowloon is Eilean Hong Kong (a chleachd mìltean gach latha), Èirinn is a' Chuimrigh, an Spàinn is Maroco agus thairis abhainn farsaing mar am Mississipi, Volga, Danube agus Yangtse.

Faic cuideachd

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.