Ailean Dòmhnallach (Ailean an Ridge)
Rugadh Ailean Dòmhnallach ann am Bràigh Loch Abar ann an 1794. Bha e air a bhith mar-thà ri bàrdachd nuair a rinn e às-imrich, còmhla ris an teaghlach aige, a Chanada ann an 1816. Dh'imrich iad a-rithist gu faisg air Antigonish ann an 1847, far an do chaochail e ann an 1868. Às dèidh dha bàsachadh, chruinnich ogha - Alexander Maclean Sinclair - na rinn e de dhàin, agus dh'fhoillsich e iad le bàrdachd eile ann an Clàrsach na Coille (1881, Glasgow, Archibald Sinclair). O chionn ghoirid, dheasaich Oighrig NicFhraing a' bhàrdachd air fad aig Ailean an Ridge ann an As a’ Bhràighe (2005, Sydney, Nova Scotia: Cape Breton University Press). Sgrìobh Oighrig NicFhraing alt mun a' bhàrd cuideachd, ‘Allan the Ridge Macdonald, Gaelic Poet’, a chaidh fhoillseachadh ann an 1985 ann an Cape Breton’s Magazine, Àir. 38, tdd. 37–45.
Ailean Dòmhnallach (Ailean an Ridge) | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Loch Abar, 1794 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | 1868 |
Dreuchd |
Ceanglaichean a-mach
- MacIllEathain, Ruairidh (4mh dhen Iuchar 2014): “Litir 781: Ailean an Rids - Pàirt 1”. BBC Radio na Gàidheal. Air a thogail 3s dhen Dàmhair 2018.
- MacIllEathain, Ruairidh (11mh dhen Iuchar 2014): “Litir 782: Ailean an Rids - Pàirt 2”. BBC Radio nan Gàidheal. Air a thogail 3s dhen Dàmhair 2018.
- Allan the Ridge MacDonald, Gaelic Poet