Aildiria

'S e dùthaich ann an Afraga a tha ann an Aildiria [1] (Arabais: لجزائر, Al Jaza'ir IPA: ɛlʤɛˈzɛːʔir; Cànan Bherber: , Dzayer IPA:ldzæjər). Ach tha ainm Gàidhlig eile oirre:

  • Ailgeria[2]
  • Ailgear[3]
  • Tìr’n Aildìr[4]
  • Algeria[5][6]
  • Ainm oifigeil: Sluagh-phoblachd Dheamocratach Aildiria[1]

'S e Aildiria an dàrna dùthaich as motha air feadh Afraga .[7] Tha crìochan aice san ear-thuath le Tuinisia, san ear le Libia, san ear-dheas le Nìgeir, san iar-dheas le Màili agus Moratainia agus le Maroco san iar-thuath. Tha i suidhichte air a’ Mhuir Mheadhanach. 'S e Algiers prìomh-bhaile na dùthcha.Tha mòran àitichean ann an Aildiria a tha dìonta mar Làrach Dhualchas na Cruinne leis an UNESCO:

  • Al Qal'a of Beni Hammad, a ciad prìomh-bhaile aig àm Impireachd Hammadid
  • Tipasa, baile bho àm nam Poenicianaich
  • Djémila, tobhta bho àm nan Ròmanaich
  • Timgad, tobhta eile bho àm nan Ròmanaich
  • M'Zab Valley, Gleann
  • Tassili n'Ajjer, ruith-beanntain

‘S e caisteal cliùiteach a tha ann an Casbah Aildiria.

Eachdraidh

Bha Aildiria na phàirt Impireachd nan Otomanach ro 1830.

Fhuair Aildiria neo-eisimeileachd às an Fhraing ann an 1962 an dèidh do dh'aramach leis an FLN. Bha cogadh sìobhalta eadar an riaghaltas agus bun-chreidmhich Ioslamaich eadar 1991 is 2002.[8]

Iomradh

  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. An Tuil: Anthology of 20th-century Scottish Gaelic Verse. duilleag 75
  4. The Collected Poems and Songs of George Campbell Hay ISBN 0900025212
  5. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
  6. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  7. CIA World Factbook
  8. Algeria country profile”. 30mh dhen Lùnasdal 2023. Air a thogail 4mh dhen t-Sultain 2023. 

Ceangal a-mach

Hoggar
Fàilte ann an ceàrn Boumerdès, sgrìobhte anns an trì cànanan: Arabais, Kabyle agus Fraingis
This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.