Ahmed I
B' e ceathramh Sultan deug Impireachd nan Otomanach a bh' ann an Ahmed I (tiotalan: Kayser-i Rûm - 'Cèasar an Roimhe', İki Kutsal Cami'nin Hizmetkârı - 'Neach-glèidhidh an dà mhosg' - Manisa 18 an Giblean 1590–Istanbul 22 an Dàmhair 1617).[1] B' e a' chiad mhac Mhehmed III agus Handan Sultan, à Bosnia a bh' ann.[2] Bha e os cionn na dùthcha bho 1603 gus a chaochail e ann an 1616. Rugadh e nuair a bha a sheanair Murad III fhathast air an rìgh-chathair. Leis gun deach a chrùnadh nuair a bha e dìreach 13 a dh'aois, cha do chuireadh gu bàs a bhràthair airson an a chumail nan robh clann aig Ahmed I. Chuir sin crìoch air mort bràthar anns an teaghlach rìoghail nan Otomanach.[3] Bha an dùthaich ann an cogaidhean an aghaidh na h-Ostaire fo na Habsburg agus Iran gu ruige 1606. B' e cogadh gun toraidhean a bh' ann: bhuannaich na Otomanaich ann an Transsilvania ach chaill iad aig Urmia.[4] Cuideachd b' fheudar do dh' Ahmed I ar-a-mach a measg a chuid shaighdearan a chur sìos ann an Aisia Bheag. Chaochail e gu math òg, aig 23 bliadhna a dh' aois, leis an fhiabhras-bhallach.[5] Bha 12 mic aige, triùir dhuibh a bha nan sultain fhèin: Osman II, Murad IV agus Ibrahim.[6] A bharrachd air sin, bha deichnear nighean aige cuideachd. B' e Ahmed I a thog am Mosg Sultan Ahmet Camii.[7]
Ahmed I | |||
---|---|---|---|
1603 - 1617 ← Mehmed III - Mustafa I → | |||
Beatha | |||
Breith | Manisa (en) , 18 dhen Ghiblean 1590 | ||
Dùthaich | Impireachd nan Otomanach | ||
Àite-fuirich | Lùchairt Topkapı | ||
Bàs | Istanbul, 22 dhen t-Samhain 1617 | ||
Àite-adhlacaidh | Q55698720 | ||
Nàdar a’ bhàis | (am fiabhras-ballach) | ||
Teaghlach | |||
Athair | Mehmed III | ||
Màthair | Handan Sultan | ||
Cèile |
Mahfiruz Sultán (en) Fatma Hatun (en) | ||
Càraid |
Mahpeyker Kösem Sultan (en) Mahfiruz Sultán (en) Fatma Hatun (en) | ||
Clann |
liosta
| ||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||
Fine | Rìgh-shliochd nan Otomanach | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | riaghladair | ||
Creideamh | |||
Creideamh | Ioslam | ||
Iomraidhean
- All About Turkey
- Peirce, Leslie (1993). The Imperial Harem: Women and Sovereignty in the Ottoman Empire. Oxford: Oxford University Press
- Quataert, Donald. The Ottoman Empire, 1700–1922, p.90. Cambridge University Press, 2000. ISBN 0-521-63328-1
- Finkel, Caroline. Osman's Dream: The Story of the Ottoman Empire, p.175. Basic Books, 2005. ISBN 0-465-02396-7
- Börekçi, Günhan (2010). Factions And Favorites At The Courts Of Sultan Ahmed I (r. 1603-17) And His Immediate Predecessors.
- Tezcan, Baki. Searching For Osman: A Reassessment Of The Deposition Of Ottoman Sultan Osman II (1618-1622)
- BELGE Murat,İstanbul Gezi Rehberi, Tarih Vakfı Yurt Yayınları,Nisan 2002, ISBN 9753330022