Afraga a Deas

'S e dùthaich ann an ceann a deas Afraga a th' ann an Afraga a Deas[1][2][3] ainm oifigeil: Poblachd Afraga a Deas.[4][5] Tha mu 45 millean duine a' fuireach anns an dùthaich seo. Tha Afraga a Deas ri taobh Naimibia, Botsuana, Siombabue, Mòsaimbic agus Dùthaich nan Suasaidh. Tha dùthaich bheag air a chuairteachadh le Afraga a Deas, 's e Leasoto a tha oirre. B' e Nelson Mandela an duine as cliùitiche aig Afraga a Deas. Bha e na cheann-suidhe bho 1994 gu 1999.

Bailtean

'S e Johannesburg am baile as motha a th' ann; tha trì prìomh-bhailtean aig Afraga a Deas, agus 's iad Cape Town, Pretoria agus Bloemfontein. A bharrachd air sin, tha iomadach baile eile ann, mar Mbewuleni, Mvezo, Paul Roux agus Qunu.

Cànain

Tha aon chànan deug ann: Afraganais, Beurla, isiNdebele, Xhosa, Zulu, Swati, Setswana, Sesotho, Sesotho sa Leboa, Tshivenda agus Xitsonga. Ri linn seo, tha ainm oifigeil fa leth aig gach cànan air an dùthaich.

Eaconomaidh

Tha sgaradh mòr ann an eaconomaidh Afraga a Deas eadar coitcheannan a' Chiad Shaoghail agus an Treasamh Saoghail. Tha na roinnean leasaichte den eaconomaidh gu math coltach ris an fheadhainn aig dùthchannan beartach, den leithid an Rìoghachd Aonaichte no Astràilia. Tha a' chuid eile nas dlùithe ris na dùthchannan bochda, mar na h-Innseachan no Pagastàn. 'S e mèinnearachd (airson a' mhòr chuid daoimean agus òr), càraichean agus urrasachd na prìomh gnìomhachasan a th' ann an Afraga a Deas.

Feachdan armaichte

Blyde River Canyon, Afraga a Deas

'S e na feachdan armaichte as treasa ann an Ceann a Deas Afraga a tha aig Afraga a Deas. Tha e a' cosg barrachd air feachdan armaichte na nàbaidh sam bith aige agus ri linn seo 's e an teicneòlas as adhartaiche a tha anns an roinn aige. B' àbhaist airm niùclasach a bhith aig Afraga a Deas ach chaidh an cur à feum ann an 1993.

Duilgheadasan le HIV

Tha mòran dhaoine ann an Afraga a Deas a' fulang le HIV agus AIDS. Tha an suidheachadh gu math èiginneach le còrr is fichead às a' cheud anns an t-sluagh a' fulang leatha.

Spòrs

'S e criogaid, rugbaidh agus ball-coise nan spòrsachan as motha ann an Afraga a Deas. Nuair a bha Apartheid ann, bha bacadh air sgioban spòrs à Afraga a Deas.

Ainmean eile

Camel Rock, Rooiberg, Afraga a Deas

Tha 11 chànan oifigeil eile aig Afraga a Deas.

  • Republiek van Suid-Afrika (Afrikaans)
  • Republic of South Africa (Beurla)
  • IRiphabliki yeSewula Afrika (IsiNdebele)
  • IRiphabliki yaseMzantsi Afrika (IsiXhosa)
  • IRiphabliki yaseNingizimu Afrika (IsiZulu)
  • Rephaboliki ya Afrika-Borwa (Sepedi)
  • Rephaboliki ya Afrika Borwa (Sesotho)
  • Rephaboliki ya Aforika Borwa (Setswana)
  • IRiphabhulikhi yeNingizimu Afrika (SiSwati)
  • Riphabuḽiki ya Afurika Tshipembe (Tshivenda)
  • Riphabliki ra Afrika Dzonga (Xitsonga)

Iomraidhean

  1. Am Faclair Beag
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
  4. Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
  5. Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714

Ceanglaichean a-muigh

This article is issued from Wikipedia. The text is licensed under Creative Commons - Attribution - Sharealike. Additional terms may apply for the media files.